Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Buain na feamad
EXTERNAL ID
PAW18556A
ÀITE
neo-aithnichte
LINN
1950an
CRUTHADAIR
David Whyte Studio
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
21023
KEYWORDS
feamainn
carraigean
duileasg
todhar
Harvesting seaweed

Tha na daoine seo a' cruinneachadh feamainn, stuth a bha a-riamh na stòras luachmhor don fheadhainn a bha a' fuireach faisg air a' mhuir. Bha feamainn dhonn ga cleachdadh a-riamh mar thodhar air an talamh. Tha an fheamainn sin làn de photassium is naitridsean,'s mar sin tha iad gu h-àraid feumail air talamh a tha gann de photassium. Nuair a thigeadh feamainn a-staigh ann an stoirmean a' gheamhraidh, le glè bheag de lobhadh, cha b' fhada gus am biodh i air a cladhadh a-steach dhan talamh . Bhiodh coirce, cruithneachd, eòrna, buntàta is càl an uair sin air an cur san talamh sin. Tha croitearan sna h-Eileanan an Iar fhathast ag obair le feamainn san dòigh seo, ged a tha biadh-talmhainn deasaichte o fheamainn ann cuideachd.

'S e dòigh eile air an fheamainn a chur gu feum a bhith a' cladhach shlocan agus an fheamainn a sgaoileadh a-mach gus a lobhadh sna tiùrran ùire ri an taobh. An ceann trì seachdainnean bhiodh na tiùrran de thalamh is de dh' fheamainn gan tionndadh a-steach do na slocan le cas-chrom,seòrsa de chrann coise. Nuair a bhiodh an sìol no na lusan air an cur, cha bhiodh obair sam bith tuilleadh ann bhon a bhiodh an fheamainn a' dèanamh na bha dhìth de bhiadhadh. 'S e feannagan an t-ainm a chuir iad air an dòigh obrach. Tha e furasta gu leòr làrach nan slocan seo fhaicinn air na h-eileanan agus an cost an iar na h-Alba.

'S ann sna 600an AD a tha a' chiad chlàradh de chleachdadh na feamad air a' Ghàidhealtachd. Ann am pìos bàrdachd a chuir iad ri Colm Cille tha iomradh air manaich Eilein Ì a' cruinneachadh duileasg bho na creagan. Chaidh duileasg ithe tric le min-choirc ann am brot tiugh air neo bhiodh e air a thoirt seachad na thruinnsear fhèin air a ghoil le ìm. Bha e cuideachd air a chleachdadh ann an diofar leigheasan.

'S e carraigean gnè eile de dh' fheamainn a tha fhathast air a chur gu feum. Tha seòrsa dheth a tha tioram is geal a ghabhas ceannach gus slaman a dhèanamh. Tha brìgh carraigein air a chleachdadh mar thigheadair ann an diofar bhiadhan, leigheas meadaigeach, bannan-lighiche agus biadh sprèidhe. 'S dòcha gun do mhothaich na ciad thuathanaich gun robh an crodh ag ionaltradh gu toilichte air oirean na tràghad agus gun do chleachd na daoine an stòras pailt seo gus barrachd fodair a chumail ris na beathaichean

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Buain na feamad

1950an

feamainn; carraigean; duileasg; todhar

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

David Whyte Collection, Highland Photographic Archive