Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dara Fo-cheannard
EXTERNAL ID
PAW18869
ÀITE
Neo-iomchaidh
DEIT
1953
LINN
1950an
CRUTHADAIR
David Whyte Studio
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
21046
KEYWORDS
trusgain
arm
seacaidean
Second Lieutenant

Anns an dealbh stiùideo seo, chithear oifigear anns na Gàidheal Camshronach mun Bhliadhna 1953. Tha fèileadh air ann an tartan Camshronach no Eireachd no 79mh tartan le sporan, osan MhicShimidh agus seacaid battle-dress, an èideadh obrach làitheil a bh' aig oifigearan aig an àm. Tha am fèileadh air bocsa-phleatadh (box-pleated), am pàtran a bhiodh air a thoirt do shaighdearan. Mar is trice, bhiodh fèileadh le fighe nas grinne le sgian-phleatadh (knife pleating) air oifigearan ach bha e ceadaichte dhaibh fèileadh nan saighdearan a chleachdadh ann an trèanadh agus air an raon. Chaidh an tartan Camshronach no Eireachd no an 79mh tartan a dhealbhadh airson nan 79mh Gàidheil nuair a chaidh an togail leis a' Mhàidsear Ailean Camshron, fear Eireachd ann an 1793. Nuair a chaidh na Sìophortaich agus Gàidheil Chamshronach na Banrigh a chur còmhla ann an 1961, chaidh an tartan seo a chleachdadh fhathast air an fhèileadh aig Pìobairean, Drumairean agus Luchd-còmhlain Ghàidhealach na Banrigh, agus air an triubhas aig a' chòrr den Rèisimeid. Tha e fhathast air a' chleachdadh airson nam fèilidhean aig Pìobairean is Drumairean nan Gàidheal (4mh Buidheann-catha Rèisimeid Rìoghail na h-Alba).

(Chaidh am fiosrachadh seo a thoirt seachad le Taigh-tasgaidh Rèisimeideach nan Gàidheal, Dùn Deòrsa)

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dara Fo-cheannard

1950an

trusgain; arm; seacaidean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

David Whyte Collection, Highland Photographic Archive