Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Armlann nan Sìophortach agus Bràghad na Gàidhealtachd
EXTERNAL ID
PAW18922B
ÀITE
Dùn Deòrsa
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Àird nan Saor
DEIT
1952 - 1953
LINN
1950an
CRUTHADAIR
David Whyte Studio
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
21049
KEYWORDS
Sìophortaich
èideadh
arm
rèisimeidean Gàidhealach
Depot Seaforth Highlanders and Highland Brigade, Fort George, 1952-53

Às dèidh an Darna Cogaidh, chaidh Armlann Rèisimeideach nan Gàidheal Sìophortach ath-steidheachadh ann an Dùn Deòrsa. Eadar 1951 is 1957, chaidh Armlann Bràgad na Gàidhealtachd a chur còmhla ri Armlann nan Sìophortach ann an Dùn Deòrsa oir bha na raointean agus na goireasan trèanaidh as fheàrr ann an Alba aig Dùn Deòrsa. Bhiodh an t-Armlann a' toirt seachad trèanadh bunaiteach do shaighdearan ùra nan Sìophortach, trèanadh leantainneach airson gach buidheann-chatha Ghàidhealach, trèanadh oifigearan airson gach rèisimeid Ghàidhealach agus tòrr a bharrachd chùrsaichean. Bha sia rèisimeidean Gàidhealach ann aig an àm agus tha na saighdearan anns a' bhuidhinn seo às gach tè. Tha am Màidsear AJS Màrtainn MBE, Ceannard an Armlainn eadar 1952 is 1954 ann am meadhan na deilbhe le RSM CJA Vass ri a thaobh. Tha èideadh trèanaidh air na saighdearan anns a' bhuidhinn. Tha eadar-dhealachaidhean inntinneach anns na pàtranan air an èideadh-batail.

(Chaidh am fiosrachadh seo a thoirt seachad le Taigh-tasgaidh Rèisimeideach nan Gàidheal, Dùn Deòrsa)

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Armlann nan Sìophortach agus Bràghad na Gàidhealtachd

INBHIR NIS: Àird nan Saor

1950an

Sìophortaich; èideadh; arm; rèisimeidean Gàidhealach

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

David Whyte Collection, Highland Photographic Archive