Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stailean copair
EXTERNAL ID
PAW21951G
ÀITE
neo-aithnichte
CRUTHADAIR
David Whyte Studio
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
21122
KEYWORDS
uisge-beatha
grùdaireachd
deochan
mac na bracha
Copper stills

Tha iomadh ìre ann an dèanamh an uisge-bheatha. Tha an dealbh seo a' sealltainn feadhainn de na stailean a bhios air an cleachdadh. Tha an stail an còmhnaidh air a dèanamh air copar, oir bidh seo a' toirt air na stuthan ceimigeach atharrachadh nas luaithe.

Bidh a' mhòr chuid de thaighean-staile a' tarraing an t-uisge-beatha dà thuras, ged a bhios feadhainn ga dhèanamh nas trice na seo. Tha dà sheòrsa stail aig a h-uile taigh-staile. 'S e a' chiad tè Stail a' Chaochain. 'S e an leaghan a th' ann an stail a' chaochain an stuth bhon togsaid chaochain far a bheil a' bhrailis (measgachadh de bhraich agus uisge) air a bhrachadh le beirm gus an alcol a dhèanamh. Nuair a ruigeas e an stail chaochain, tha an leaghan coltach ri lionn, le timcheall air 7% alcol ann. Tha an leaghan seo air a theasachadh ann an stail a' chaochain. Bho thùs, bhiodh seo air a dhèanamh le teas bho theine guail no gas, ach mar is trice tha e air a dhèanamh le smùid a bhios a' ruith tro phìob chopair am broinn na staile. Thathar an uairsin a' goil an leaghain, agus air sgàth 's gu bheil alcol a' goil aig teothachd nas ìsle na uisge, bidh e a' goil an toiseach agus tha seo a' ciallachadh gu bheil an deatach a' gluasad tron ghearradan a tha a' tighinn bho mhullach na stail) dhan cho-dhlùthadair, far am bi e a' fuarachadh gu leaghan a-rithist. 'S e 'fion ìseal' a th' air an leaghan seo a-nis agus tha mu 21% alcol ann.

Tha Stail an Spioraid mar as trice nas lugha na stail a' chaochain. Tha i air a lìonadh leis an fhìon ìseal agus na stuthan gun luach bhon chaochan mu dheireadh aig stail an spioraid. Bidh feadhainn dhe na stuthan a' goil aig teothachd nas àirde na alcol, agus feadhainn eile aig teodhachd nas lugha. Feumaidh an staileadair leigeil leis a' chiad chuid dhen stuth gun luach drèanadh air falbh mus glac iad 'an cridhe' (spiorad an uisge-beatha) agus an uair sin a stad mus tòisich an dara cuid dhen stuth gun luach ri goil. Tha an deatach alcolach ga co-dhlùthachadh gu leaghan a-rithist, agus tha seo air a ghlacadh ann an Ciste an Spioraid airson mion-sgrùdadh. Tha an stuth seo mu 70% alcol. Tha an leaghan seo air a chur ann am baraillean daraich agus air fhàgail airson co-dhiù trì bliadhna

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stailean copair

uisge-beatha; grùdaireachd; deochan; mac na bracha

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

David Whyte Collection, Highland Photographic Archive