Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Tunna Treisg
EXTERNAL ID
PAW21951H
ÀITE
neo-aithnichte
CRUTHADAIR
David Whyte Studio
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
21123
KEYWORDS
uisge-beatha
taighean-staile
grùdaireachd
obraichean
alcol
mac na bracha
Mash Tun

'S e seòrsa de phrais mhòir stàilinn no iarainn le inneal measgachaidh innte, a chuirear gu feum ann a bhith a' tarraing uisge-beatha a th' ann an 'Tunna Treisg'. As dèidh a bhrachadh agus a bhleith na phùdar, bidh eòrna ga chur dhan tunna treisg le drudhag uisge aig 64° C. Tha seo teth gu leòr airson cuid dhe na siùcair anns a' phùdar a leaghadh. Tha am measgachadh ga chur mun cuairt fad leth uair mus tèid an leaghan a shìoladh a dh' amar ris an canar am 'fo-chùl'. Cuirear drudhag eile de dh'uisge nas teotha ris an tunna threisg an uair sin airson tuilleadh dhe na siùcair a leaghadh agus thèid an lionn seo a chur dhan fho-chùl cuideachd. Cuirear an treas drudhag de dh'uisge (aig 90° C) ris gus stuth de luach sam bith a th' air fhàgail anns an eòrna a leaghadh, agus thèid an leaghan a thraoghadh air falbh airson a chleachdadh mar a' chiad steall de dh'uisge a chuireas iad ri pùdar an eòrna an ath turas.

Tha am fuigheall air a thoirt às an tunna mheasgain agus gabhaidh e chleachdadh mar bhiadh bheathaichean. Faodaidh an obair tòiseachadh a-rithist a-nis. Thèid beirm a chur ri leaghan an fho-chùil anns an 'druim-chaochain' airson obair a' bhrachaidh a chur gu dol

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Tunna Treisg

uisge-beatha; taighean-staile; grùdaireachd; obraichean; alcol; mac na bracha

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

David Whyte Collection, Highland Photographic Archive