Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sìophortaich, 1957
EXTERNAL ID
PAW22087
ÀITE
Neo-iomchaidh
DEIT
23 Gearran 1957
LINN
1950an
CRUTHADAIR
David Whyte Studio
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
21131
KEYWORDS
mailisidh
rèiseamaidean
Na Sìophortaich
èideadh
tartan
feachdan
Two Seaforth Highlanders, 1957

Anns an deilbh stiùideo seo, chithear dà shaighdear bho na Sìophortaich. 'S dòcha gun deach a thogail nuair a chrìochnaich iad an trèanadh aca do shaighdearan ùra. Air an làimh dheis tha an Saighdear Anndra Reid a chaidh dhan arm san t-Samhain 1956 agus a bha sa Chòmhlan Pìoba aison iomadh bliadhna. Thathas den bheachd gur e Saighdear Lambert a tha san fhear eile. Bha an dithis à Baile nam Feusgan.

Tha fèilidhean ann an tartan MhicCoinnich Shìophort orra, a chaidh a chruthachadh airson nan 78mh Gàidheal (Buffs Shiorrachd Rois) nuair a chaidh an Rèisimeid a thogail ann an 1793. Às dèidh 1881, nuair a chaidh na 78mh Gàidheil agus Gàidheil Dhiùc Albany a chur còmhla, is e fèileadh ann an tartan MhicCoinnich a chleachd an Rèisimeid ùr. Nuair a chaidh na Camshronaich a chur a-steach do Ghàidheil na Banrigh ann an 1961, chleachd an Rèisimeid ùr fèileadh MhicCoinnich ach a-mhàin na Pìobairean, Drumairean agus Muinntir a' Chomhlain, air am biodh fèileadh Camshron Eireachd. B' e latha duilich a bh' ann nuair a chaidh cur às do dh'fhèileadh MhicCoinnich nuair a chaidh Gàidheil na Banrigh agus na Gòrdanaich a chur còmhla.

(Chaidh am fiosrachadh seo a thoirt seachad le Taigh-tasgaidh Rèisimeideach nan Gàidheal, Dùn Deòrsa)

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sìophortaich, 1957

1950an

mailisidh; rèiseamaidean; Na Sìophortaich; èideadh; tartan; feachdan

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

David Whyte Collection, Highland Photographic Archive