Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Uidheaman ann an Taigh Grùdaidh Tom Aitinn
EXTERNAL ID
PAW22144-11
ÀITE
Tom Aitinn
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: A' Mhòigh 's Dail Fhearghais
DEIT
1957
LINN
1950an
CRUTHADAIR
David Whyte Studio
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
21145
KEYWORDS
uisge-beatha
grùdaireachd
taighean grùdaidh
taighean-staile
Tom Aitinn
Tomatin Distillery Equipment - Low wines & feints receiver

'S e 'low wines' a th' aca air an uisge-beatha aig aon ìre anns an taigh grùdaidh - nuair a tha an licear a' tighinn às an staile nighe. Tha e cho làidir ri 21 % abv (alcohol by volume). 'S e 'Feints' a th' aca air an uisge-beatha a thig a-mach às an staile-spiorad aig deireadh na grùdaireachd. Tha na 'feints' seo iosal ann an neart, agus thathas ga ath-ghrùdadh.

'S e Taigh Grùdaidh Tom Aitinn aon de na taighean grùdaidh as motha ann an Alba. Tha iomradh air grùdaireachd mhì-laghail air an làrach seo bhon 15 mh linn. Chaidh an taigh grùdaidh a tha ann an-diugh a stèidheachadh le Companaidh Grùdaidh Tom Aitinn Spè Earranta ann an 1897. Bha dà stail ann an toiseach, ach cha do sheas an obair seo fada agus chaidh a' chompanaidh fodha ann an 1906. Ach thòisich Companaidh Ur Ghrùdairean Tom Aitinn Earranta ann an 1909. Aig còig amannan bhon uairsin tha an àireamh de stailean air a bhith air leudachadh, gus an robh na trì air fhichead a th' ann an-diugh ann. Ann an 1986 an dèidh don chompanaidh a bhith greis aig a' ghlacadair (receiver), chaidh Taigh Grùdaidh Tom Aitinn a cheannach le muinntir Iapan, a' chiad taigh-staile an Alba ris an do thachair seo.

Thàinig ainm bho 'tom' (cnoc) agus 'aitionn/aitinn' ainm nan dearcan-craoibhe 'juniper'. Tha uisge an taigh grùdaidh a' tighinn à Allt na Frìthe (Freeburn ann am Beurla)

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Uidheaman ann an Taigh Grùdaidh Tom Aitinn

INBHIR NIS: A' Mhòigh 's Dail Fhearghais

1950an

uisge-beatha; grùdaireachd; taighean grùdaidh; taighean-staile; Tom Aitinn

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

David Whyte Collection, Highland Photographic Archive