Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Oifigearan, Armlann nan Sìophortach, 1957
EXTERNAL ID
PAW22731A
ÀITE
Dùn Deòrsa
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Àird nan Saor
DEIT
22 Samhain 1957
LINN
1950an
CRUTHADAIR
David Whyte Studio
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
21171
KEYWORDS
Àrd Oifigear Clèireach
Dùn Dheòrsa
feachdan
eideadh
oifigearan
The Officers, Depot Seaforth Highlanders, 1957

Chaidh an dealbh seo de dh'oifigearan Armlann Rèisimeideach nan Gàidheal Sìophortach a thogail air beulaibh prìomh gheata Dùn Deòrsa ann an 1957. Bhiodh luchd-tadhail a' dol a-steach do Dhùn Deòrsa thar drochaid-ghluasadach Ravelin tron gheata seo. Tha am Màidsear RAAS MacRath MBE, Ceannard an Armlann, ann am meadhan na deilbhe. Às dèidh dha a dhreuchd a leigeil dheth, is e Neach-ionaid a' Chrùin airson Arcaibh a bh' ann agus rinneadh Sir Raibeart MacRath MBE dheth. Air gach taobh dheth, tha am Màidsear RK Denniston MC agus am Màidsear JN Keil MBE (ann an aodach sìobhaltach), an seann Stiùradair a bha na Oifigear Rianachd aig an Armlann. Anns an t-sreath mu dheireadh, chithear an Caiptean is Stiùradair WA Tait, am Fo-cheannard MJ Adam, am Fo-cheannard AJ Dudgeon, agus an Caiptean agus Oifigear-taice JCOR Hopkinson. Rinneadh Màidsear Seàirdeant agus Còrnaileir dheth ann an Gàidheil na Banrigh às dèidh seo.

(Chaidh am fiosrachadh seo a thoirt seachad le Taigh-tasgaidh Rèisimeideach nan Gàidheal, Dùn Deòrsa)

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Oifigearan, Armlann nan Sìophortach, 1957

INBHIR NIS: Àird nan Saor

1950an

Àrd Oifigear Clèireach; Dùn Dheòrsa; feachdan; eideadh; oifigearan

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

David Whyte Collection, Highland Photographic Archive