Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Priomh Oifis Bhuidheann Smàlaidh an Roinn a Tuath, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PAW23977
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1950an
CRUTHADAIR
David Whyte Studio
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
21253
KEYWORDS
Inbhir Nis
buidhnean smàlaidh
luchd smàlaidh
einnseanan smàlaidh
Caisteal Dhun Robain
Ràta Mhurchais
Roinn Smàlaidh a' Chinn a Tuath
Sràid a' Chala
Northern Area Fire Brigade Headquarters, Inverness

Prìomh Oifis a' Bhuidheann Smàlaidh anns an Roinn a Tuath air Sràid a' Chala, Inbhir Nis.

Chaidh buidheann leis an ainm "Seirbheis Charbad Smàlaidh Inbhir Nis" a stèidheachadh mu 1819 le Companaidh Àrachas Theintean Ceann a Tuath Bhreatainn, a thug carbad smàlaidh dhan bhaile. B' e seo an aon charbad smàlaidh anns an sgìre aig an àm agus bhathas ga pàigheadh leis an riaghaltas ionadail, marsantaich ionadail agus companaidhean àrachais. Bhathas a' cur airgead ris an seo gach bliadhna gu 1850, an uair a chaidh Buidheann nan Teintean a stèidheachadh. Bha seo fo stiùireadh Choimisean nam Poilis agus a' Bhaile, buidheann a chaidh a bhòtadh a-steach agus a bha air leth bho Chomhairle a' Bhaile.
Bha am buidheann smàlaidh ga ruith pàirt-uine - bha na fir smàlaidh na h-uiread de phàigheadh ach bha iad a' cumail na h-obrach làitheil aca.

Bha corra dhroch theine ann an Inbhir Nis, fear dhiubh air Sràid na h-Eaglaise ann an 1898, ann an togalach le Dòmhnall Groat. Goirid an dèidh sin, chaidh Talla a' Chiùil a losgadh gu talamh.

Aig àm a' chiad chogaidh, fhuair an t-seirbheis trèana shònraichte air chumhnant airson a bhith a' toirt einnsean smàlaidh na smùide gu teintean mòra aig Caisteal Dhùn Robain agus ann an Ràta Mhurchais. Chaidh ceannard nan teintean agus an sgioba aige a mholadh airson a' chuideachaidh mhòir a thug iad seachad ann an bhith a' dèiligeadh ri na cùisean èiginn sin.

Ann an 1941 chaidh Seirbheis Nàiseanta nan Teintean a stèidheachadh. Bha uidheamachd is trèanadh coitcheann ann an uair sin agus bha an t-seirbheis na b'fheàrr sa h-uile dòigh

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Priomh Oifis Bhuidheann Smàlaidh an Roinn a Tuath, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1950an

Inbhir Nis; buidhnean smàlaidh; luchd smàlaidh; einnseanan smàlaidh; Caisteal Dhun Robain; Ràta Mhurchais; Roinn Smàlaidh a' Chinn a Tuath; Sràid a' Chala

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

David Whyte Collection, Highland Photographic Archive