Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Resistance Welders, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PAW24647A
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1960
LINN
1960an
CRUTHADAIR
David Whyte Studio
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
21286
KEYWORDS
gnìomhachas
saorachadh
Resistance Welders, Inverness

Ann an 1921, reic an Rose Street Foundry & Engineering Co. Ltd a' chompanaidh tàthaidh aca is cheannaich iad an A.I. Manufacturing Company of Bradford, a bha a' dèanamh innealan tàthaidh comhaireachd. Ged a bha daoine fad ghreis den bheachd gur ann bho Ashton agus Ibbotson a thàinig an t-ainm A.I., tha rannsachadh ùr ga dhèanamh nas coltaich gur ann bho Armitage agus Ibbotson a thàinig e.

Cha robh mòran ag iarraidh nan innealan aca an toiseach, oir bha an dòigh-obrach fhathast ùr. Ach, an dèidh dhan chogadh tòiseachadh ann an 1939, bha mòran gan iarraidh. 'S e A.I. a-mhàin a rinn na pìoban a bh' air an cleachdadh ann an 'Operation Pluto', is na h-innealan airson a bhith a' tàthadh nan cnapan far an robh propeilearan nan itealan a' dol. Fhuair a' chompanaidh duais on Choimisean Rìoghail air duaisean is innleachdairean airson nam pròiseactan seo.

Ann an 1945, dh'atharraich a' chompanaidh an t-ainm gu Resistance Welders Ltd. Chum a' chompanaidh a' fàs anns an dàra leth dhen 20mh linn, a' dèanamh innealan tàthaidh do ghnìomhachasan air feadh an t-saoghail agus, sna 1960an, dh'atharraicheadh an t-ainm gu A.I. Welders Ltd

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Resistance Welders, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1960an

gnìomhachas; saorachadh

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

David Whyte Collection, Highland Photographic Archive