Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Uidheam Taigh-staile Thom Aitinn
EXTERNAL ID
PAW24867
ÀITE
Tom Aitinn
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: A' Mhòigh 's Dail Fhearghais
DEIT
1960
LINN
1960an
CRUTHADAIR
David Whyte Studio
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
21298
KEYWORDS
uisge-beatha
grùdaireachd
taighean-staile
Tom Aitinn
Tomatin Distillery Equipment

Uidheamachd aig Taigh-staile Thom Aitinn bho APV Co Ltd, Crawley, Sussex. Chaidh APV a stèidheachadh leis an Dotair Richard Seligman ann an 1910 mar 'Aluminium Plant & Vessel Company Limited' - companaidh togail sònraichte airson a bhith a' dèanamh shoithichean tàthte do ghnìomhachas a' ghrùdaireachd agus do ghnìomhachas ola lusan.

'S e Tom Aitinn fear de na taighean-staile as motha ann an Alba. Tha clàran ann ag innse mu ghrùdaireachd neo-cheadaichte air an làraich bhon chòigeamh linn deug. Chaidh taigh-staile an latha an-diugh a stèidheachadh le 'Tomatin Spey District Distillery Co Ltd' ann an 1897. An toiseach bha dà stail ann. Cha do mhair an iomairt seo fada. Chaidh e fodha ann an 1906, ach chaidh ath-bheothachadh le 'New Tomatin Distillers Co Ltd' ann an 1909. Chaidh stailean eile a chur ris còig turais, agus tha 23 aca an diugh. Ann an 1986, an dèidh greiseag ann am fiachan, 's e taigh-staile Thom Aitinn a' chiad taigh-staile ann an Alba a bha gu tur le Iapanaich.

Anns a' Ghàidhlig, tha Tom Aitinn a' ciallachadh 'cnoc nan aiteann'. Tha an taigh-staile a' faighinn an uisge a tha e a' cleachdadh bho Allt na Frìthe

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Uidheam Taigh-staile Thom Aitinn

INBHIR NIS: A' Mhòigh 's Dail Fhearghais

1960an

uisge-beatha; grùdaireachd; taighean-staile; Tom Aitinn

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

David Whyte Collection, Highland Photographic Archive