- TIOTAL
- Caisteal Inbhir Nis agus Drochaid Nis
- EXTERNAL ID
- PAW26010B
- ÀITE
- Inbhir Nis
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
- DEIT
- 1961
- LINN
- 1960an
- CRUTHADAIR
- David Whyte Studio
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 21365
- KEYWORDS
- drochaidean
caistealan

Tha caisteal air a bhith air an làraich seo ann an Inbhir Nis on dara linn deug. Thar nan 500 bliadhna an dèidh sin, chaidh a sgrios agus a thogail a-rithist iomadh uair.
Chaidh taobh deas a' chaisteil a th'ann an-diugh, taigh na cùirte, a thogail eadar 1833-6. Chaidh an ceann a tuath a chur ris mar phrìosan ann an 1848. Ann an 1901, nuair a chaidh prìosan ùr a thogail aig Porterfield, bha a' chuid sin dhen chaisteal aig Poileis Siorrachd Inbhir Nis mar àrd-oifis agus bha Comhairle Siorrachd Inbhir Nis a' cleachdadh taigh na cùirte mar Sheòmar na Comhairle.
Chaidh a' chiad Drochaid Nis fhosgladh anns an Lùnastal 1855. B' e drochaid-chrochaidh a bh'innte, 68.5 meatair a dh'fhaid, agus bha i an àite structair a bh'ann roimhe, a dh'fhalbh sna tuiltean ann an 1849. Seach nach robh e comasach dèiligeadh ris an trafaig a bha ga chleachdadh, chaidh cùmhnant a thoirt seachad airson t'èile ann an 1939, ged nach do thòisich obair air an drochaid chruadhtain aig Sir Murchadh MacDhòmhnaill is a Chom-pàirtichean airson 20 bliadhna eile
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive