Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Àrd-eaglais an Naoimh Anndrais agus Tom na h-Iùbhraich, bho Chaisteal Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PAW26010C
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1961
LINN
1960an
CRUTHADAIR
David Whyte Studio
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
21366
KEYWORDS
àrd-eaglaisean
Easbaigeach
Alasdair Rosach
Easbaig Eden
St Andrews Cathedral and Tomnahurich from Inverness Castle

Thagh clèir sgìr''-easbaig Mhoireibh agus Rois Raibeart Eden mar Easbaig ann an 1851. Bha e air ceann a' choithionail ann an Eilginn airson a' chiad dà bhliadhna dhan easbaigeachd aige, mus do dh''hosgail e 'Caibeal Misean na h-Easbaig' ann an Inbhir Nis. Thòisich seirbhisean anns an sgoil ùir airson clann-nighean air Sràid na h-Acadamaidh gus an tàinig togalach air taobh ear na h-aibhne gu bhith na Chaibeal aig a' Mhisean. Bha an coithional air fàs ro mhòr airson a' chaibeil ann an 1865 agus, anns an Fhaoilleach 1866, dh'aontaich iad ri moladh an easbaig airson àrd-eaglais ùr a thogail.

Chaidh coimisean a thoirt do dh'Alasdair Rosach, dealbhadair thogalach òg a bha na bhall dhen choithional, planaichean ullachadh. Cha deach planaichean an Rosaich a chur an sàs gu lèir air sgàth cion airgid. Chuir an Dotair Teàrlach Longley, Àrd-easbaig Chanterbury, clach-bhunait na h-àrd-eaglais sìos air an t-17mh latha den Damhair 1866. B' e seo a' chiad ghnìomh oifigeil a rinn Prìomhadh Sasannach ann an Alba o chaidh Clèireachd a stèidheachadh. Chaidh an àrd-eaglais fhosgladh air a' 1mh den t-Sultain 1869, agus 's e Easbaig Ath nan Daimh agus Easbaig Rochester a chum a' chiad shearmoin. Tha an t-astar a shiubhal na fir seo a' sealltainn na spèis a bh'aca do dh'Easbaig Eden.

Chosg an àrd-eaglais £15,106 0 4¾d ga togail. Chan eil sin a' gabhail a-steach cosgais na glainne dhathte agus an òrgain. Bha fiachan de £6,835 air an togalach nuair a chaidh fhosgladh. Chan urrainn do dh'eaglais a bhith air a coisrigeadh fhad 's a tha fiachan oirre. Ach, an taobh a-staigh de chòig bliadhna de thogail-airgid gun stad, choisrig Easbaig Eden an àrd-eaglais air an 29mh den t-Sultain 1874, a' chiad àrd-eaglais ùr a bh'air a crìochnachadh agus a bh'air a coisrigeadh ann am Breatainn o àm an Ath-leasachaidh

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Àrd-eaglais an Naoimh Anndrais agus Tom na h-Iùbhraich, bho Chaisteal Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1960an

àrd-eaglaisean; Easbaigeach; Alasdair Rosach; Easbaig Eden

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

David Whyte Collection, Highland Photographic Archive