Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Saighdearan Òga Camshronaich na Banrigh, Dùn Deòrsa, 1962
EXTERNAL ID
PAW26276K&L
ÀITE
Dùn Deòrsa
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Àird nan Saor
DEIT
1962
LINN
1960an
CRUTHADAIR
David Whyte Studio
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
21391
KEYWORDS
saighdearan
feachdan an airm
drumaichean
pìob-mhòr
Junior soldiers of the Queen's Own Highlanders, Fort George, 1962

Ann an 1960, mar phàirt de lùghdachadh ann an àireamh ionadan-trèanaidh an Airm, chaidh Armlannan nan Rèisimeidean Arm-coise a dhùnadh. Bha Armlann ùr gu bhith air a thogail airson nan Rèisimeidean Gàidhealach uile ann an Gearastan Ghòrdain, Obar Dheathain. Gus an do dh'fhosgail an t-Armlann ùr, chaidh Dùn Deòrsa a chumail fosgailte rè ùine mar Armlann airson an dà chuid na Gòrdanaich is an rèisimeid ùr: Gàidheil na Banrigh. Bha Bràghad Saighdearan Òga na Gàidhealtachd stèidhichte ann an Dùn Deòsa. Bhiodh an t-aonad seo a' trèanadh Phìobairean, Drumairean agus luchd-ciùil òga eile. Anns an dealbh seo, a chaidh a thogail ann an 1962, chithear an Seàirdeant Òg J MacDhòmhnaill à Inbhir Ghòrdain a choisinn cliù dha fhèin mar Mhàidsear Drumaichean anns a' chiad Bhuidheann-chatha de Ghàidheil na Banrigh. Chithear cuideachd an Seàirdeant Òg K Griffin à Baile an Fhàin a bha mar-thà air duaisean a bhuannachd ann an Co-fharpaisean Pìobaireachd Cruinneachadh a' Chinn a Tuath.

(Chaidh am fiosrachadh seo a thoirt seachad le Taigh-tasgaidh Rèisimeideach nan Gàidheal, Dùn Deòrsa).

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Saighdearan Òga Camshronaich na Banrigh, Dùn Deòrsa, 1962

INBHIR NIS: Àird nan Saor

1960an

saighdearan; feachdan an airm; drumaichean; pìob-mhòr

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

David Whyte Collection, Highland Photographic Archive