Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Seàirdeant Iain Guinne, Gàidheil Chamshronaich na Banrigh, 1903
EXTERNAL ID
PAWA0000016-A0000020(D)C
ÀITE
Neo-iomchaidh
DEIT
1903
LINN
1900an
CRUTHADAIR
David Whyte Studio
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
21434
KEYWORDS
An teaghlach Guinne
èideadh airm nan Camshronach
buinn
aodach
cogadh
Sergeant John Gunn of The Queen's Own Cameron Highlanders, 1903

Chaidh an dealbh-stiùideo den t-Seàirdeant Iain Guinne a thogail ann an Inbhir Nis nuair a thill e bho Chogadh Afraga a Deas. Bha spèis mhòr aig daoine eile sa chiad Bhuidheann-chatha de na Camshronaich air. Bha a' bhuidheann-chatha stèidhichte ann an Dùn Deòrsa aig an àm. Tha na buinn aige, a tha a-nis air an taisbeanadh ann an Taigh-tasgaidh na Rèisimeide ann an Dùn Deòrsa, na deagh chomharra air a sheirbheis dhìcheallach don Bhanrigh is don Dùthaich.

Rugadh Iain Alasdair Guinne ann am Brùra agus ghabh e dha na Camshronaich ann an 1884. Às dèidh trèanadh do shaighdearan aig Dùn Deòrsa, Armlann nan Camshronach aig an àm, chaidh a chur do na 1d Camshronaich a bha suidhichte air a' chrìch eadar an Èipheit agus an Sudan aig an àm. Choisinn e bonn Èipheiteach na Banrigh agus Rionnag Khedive airson a sheirbheis air an Nile Uarach, a' gabhail a-staigh Blàr Ghinniss. Bha e na Sheàirdeant ro 1889 agus, ann an 1898, bha e còmhla ris a' 1d Camshronaich ann am Feachd thall-thairis an t-Seanalair Kitchener gus smachd fhaighinn air ais air Sudan. Shabaid e ann am blàran Atbara agus Khartoum agus anns an Iomairt gus Fashoda a dhìon an aghaidh nam Frangach agus choisinn e Bonn Sudan na Banrigh agus Bonn Khedive le dà chlaspa. Tràth sa bhliadhna 1900, chaidh an Seàirdeant Guinne gu Afraga a Deas leis na 1d Camshronaich agus choisinn e bonn Afraga a Deas na Banrigh le 4 claspaichean agus Bonn Afraga a Deas an Rìgh airson a shaothair rè Cogadh nam Boer. Fhuair e bonn airson Seirbheis Fhada agus airson Deagh Ghiùlain. Às dèidh dha a dhreuchd a leigeil dheith, bha Iain Guinne na Neach-Glèidhidh Pàirc Rìoghail is choisinn e Bonn Crùnaidh Rìgh Sheòrais V. Bha e na Sheàirdeant airson 19 de na 24 bliadhna a chur e seachad san Arm. Bha e na dheagh eisimpleir de na saighdearan proifeiseanta tapaidh is dìcheallach anns an arm aig deireadh linn Bhictoria.

(Chaidh am fiosrachadh seo a thoirt seachad le Taigh-tasgaidh Rèisimeideach nan Gàidheal, Dùn Deòrsa).

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Seàirdeant Iain Guinne, Gàidheil Chamshronaich na Banrigh, 1903

1900an

An teaghlach Guinne; èideadh airm nan Camshronach; buinn; aodach; cogadh

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

David Whyte Collection, Highland Photographic Archive