Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sìm Friseal, an 13mh MacShimidh
EXTERNAL ID
PAWA0000089
ÀITE
Neo-iomchaidh
LINN
1870an
CRUTHADAIR
David Whyte Studio
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
21454
KEYWORDS
fineachan
Na Frisealaich
breacan
dealbhan
MacShimidh
teaghlach MhicShimidh
èideadh Gàidhealach
aodach
èideadh
cinn cinnidh
Simon Fraser, 13th Lord Lovat

Dealbh de Shìm Friseal, an 13mh MacShimidh, an 2na Baran Na Moroich agus an 22na Ceann-cinnidh air Frisealaich na Moroich (MacShìmidh).

Rugadh e air 21 An Dùbhlachd 1828, B’ e am mac a b’ aosta, agus sa mheadhan de sheachnar chloinne, aig Tòmas Alasdair Friseal,12na MacShìmidh agus Charlotte Georgina Stafford-Jerningham. Phòs e Ailios Màiri Weld-Blundell air 14 An t-Samhain 1866 agus bha naoinear chloinne aca. Fhuair e tiotalan an teaghlaich nuair a bhàsaich athair air 28 An t-Ògmhios 1875

Choisinn e rang Liefteanant Còirneal anns an 2na Batalan de Mhailisidh Camshronaich na Banrigh agus bha dreuchan Mhorair-ionaid a' Chrùin do Shiorrachd Inbhir Nis (eadar 1873 agus1887) agus Aide-de-Camp do HM a’ Bhanrigh Bhictòria (eadar 1883 agus1887). Aig deiradh na 1870an thòisich e a’ togail Caisteal Dhùnaidh a’ coimhead thar Abhainn Fharar. Ann an Cunntas-sluaigh 1881, tha MacShìmidh agus a theaghlach clàraichte a’ fuireach aig Taigh Mòr an Dùnaidh, Cill Targalain.

Bhàsaich e air 6 An t-Sultain 1887 aig aois 58 agus ghabh a mhac, Sìm, thairis an tiotal agus b’ e esan a stèidhich Saighdearan Faire MhicShimidh. Mhair a bhean beò còrr agus 50 bliadhna às a dhèidh.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sìm Friseal, an 13mh MacShimidh

1870an

fineachan; Na Frisealaich; breacan; dealbhan; MacShimidh; teaghlach MhicShimidh; èideadh Gàidhealach; aodach; èideadh; cinn cinnidh

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

David Whyte Collection, Highland Photographic Archive