Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Còrnaileir Sir Eachann Rothach, fear Fhòlais, Bart.
EXTERNAL ID
PAWA0000146
ÀITE
Fòghlais
SGÌRE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Sgìre Thighearna
CRUTHADAIR
David Whyte Studio
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
21469
KEYWORDS
Rothach
Fòlais
Eideadh Gàidhealach
culaidh
Saor Chlachairean
Saor-Chlachaireachd
clachairean
buidhnean
Colonel Sir Hector Munro of Foulis, Bart.

B' e Ceann-cinnidh nan Rothach a bh' ann an Sir Eachann Rothach, fear Fhòlais, 11mh Baronet agus 29mh Baran Fhòlais (1848-1935). Bha tòrr spèis aig daoine dha mar cheannard teaghlaich. Bha iomadh ball de a theaghlach anns na Sìophortaich. Ghabh Sir Eachann anns na 96mh Gunnairean Gàidhealach, no 'Mailisidh Siorrachd Rois' ann an 1871. Fo Ath-leasachaidhean an Airm ann an 1881, chaidh Mailisidh Siorrachd Rois a dhèanamh na phàirt de na Sìophortaich mar 3s Buidheann-catha (Mailisdh) nan Sìophartach. Rè Cogadh Afraga a Deas, bha Sir Eachann Rothach an ceann nan 3mh Sìophortach ann an Cairo, far an robh a' bhuidheann-chatha na pàirt den Fhreiceadan Meadhan-thìreach, gus am biodh a' Chiad Buidheann-chatha de na Camshronaich air an saoradh airson a dhol don chogadh ann an Afaga a Deas. Chaidh Còrnaileir Urramach den 3mh Shìophortaich a dhèanamh de dh'Eachann Rothach ann an 1908. Chaidh a mhac as sine, an Caiptean Eachann Òg Rothach, a mharbhadh is e a' sabaid anns an 2ra Buidheann-chatha de na Sìophortaich ann an 1918. Às dèidh bàs Shir Eachainn Rothaich ann an 1935, chaidh a leantainn mar Ceann-cinnidh nan Rothach le a ogha, an Caiptean Pàdraig Gascoigne Rothach, a bha air a bhith an dà chuid na oifigear Phroifeiseanta agus Feachd na Dùthcha anns na Sìophortaich. B' e Neach-ionaid a' Chrùin airson Rois is Chrombaidh, A.D.C. Do Rìgh Eideard VII is Rìgh Seòras V, agus Cathraiche agus Neach-taic do Chruinneachadh a' Chinn a Tuath a bh' ann an Sir Eachann Rothach.

(Chaidh am fiosrachadh seo a thoirt seachad le Taigh-tasgaidh Rèisimeideach nan Gàidheal, Dùn Deòrsa)

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Còrnaileir Sir Eachann Rothach, fear Fhòlais, Bart.

ROS: Sgìre Thighearna

Rothach; Fòlais; Eideadh Gàidhealach; culaidh; Saor Chlachairean; Saor-Chlachaireachd; clachairean; buidhnean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

David Whyte Collection, Highland Photographic Archive