Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Am Màidsear Pìoba Dòmhnall MacCoinnich, Gàidheil Chamshronach na Banrigh, 1903
EXTERNAL ID
PAWA0000205-A0000209(D)
ÀITE
Neo-iomchaidh
DEIT
1903
LINN
1900an
CRUTHADAIR
David Whyte Studio
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
21481
KEYWORDS
cogadh
culaidhean coimheach
aodach
trusgain
pìoban gàidhealach
pìob-mhòr
Pipe Major Donald MacKenzie, The Queen's Own Cameron Highlanders, 1903

Chaidh an dealbh-stiùideo seo den Mhàidsear Pìoba Dòmhnall MacCoinnich a thogail ann an Inbhir Nis ann an 1903. Bha e anns a' chiad Bhuidheann-chatha de Chamshronaich na Banrigh ann an Dùn Deòrsa aig an àm. Rugadh Dòmhnall MacCoinnich ann am paraiste na Luirg mun bhliadhna 1875 agus ghabh e dha na Sìophortaich ann an Raoghard anns a' Chèitean 1893. Bha e ann an Crete agus anns An Èiphit còmhla ris a' chiad Bhuidheann-chatha de na Sìophortaich. Bha e na Phìobaire nuair a bha a' chiad Bhuidheann-chatha de na Sìophortaich a' sabaid còmhla ris a' chiad Bhuidheann-chatha de Chamhronaich na Banrigh rè Iomairt Shudan ann an 1898.

Rè na h-iomairt seo, dh'fhàs Pìobairean nan Rèiseamaid gu math eòlach air a' chèile. Anns a' Chèitean 1901, nuair a chaochail Màidsear Pìoba nan Camshronach, Dàibhidh Grant le fiabhras ann an Afraga a Deas, dh'iarr iad air an t-Seàirdeant Dòmhnall MacCoinnich àite a ghabhail. Air an adbbhar seo, ghluais e bho Ghàidheil Shiophoirt gu na Gàidheil Chamshronach (1d Buidheann-chatha) agus thill e bho Afraga gu Dùn Deòrsa còmhla riutha aig deireadh 1902. Chaidh a ràdh mu dheidhinn gun robh e na 'dheagh phìobaire agus na fhear eireachdail'. Bha e na Màidsear Pìoba aig an Rèisimeid gus an do dh'fhàg e an t-arm ann an 1906.

(Chaidh am fiosrachadh seo a thoirt seachad le Taigh-tasgaidh Rèisimeideach nan Gàidheal, Dùn Deòrsa)

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Am Màidsear Pìoba Dòmhnall MacCoinnich, Gàidheil Chamshronach na Banrigh, 1903

1900an

cogadh; culaidhean coimheach; aodach; trusgain; pìoban gàidhealach; pìob-mhòr

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

David Whyte Collection, Highland Photographic Archive