Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Stiùbhairt
EXTERNAL ID
PAWA0010418-35
ÀITE
Caisteal Stiùbhairt
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Crothaigh 's Dealgros
CRUTHADAIR
David Whyte Studio
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
21510
KEYWORDS
Caisteal Stiùbhairt
Stiùbhart
caistealan
Iarlan Mhoireibh
Màire, Ban-rìgh na h-Alba
taighean-òsta
bòcain
taighean tathaichte
togalaichean
Castle Stuart

Tha Caisteal Stiùbhairt mu chòig mìle an ear-thuath air Inbhir Nis, faisg air port-adhair Dhalcrois. Tha an caisteal a' dol air ais gu 1625 agus bha e na dhaingneachd aig Iarlan Mhoireibh. Chaidh am fearann agus an tiotal "Iarla Mhoireibh" a thoirt do Sheumas Stiùbhart, a bha na leth bhràthair do Mhàiri, Ban-rìgh na h-Alba, agus thòisich esan a' togail a' chaisteai ann an 1561. B' e an treas Iarla Mhoireibh a chuir crìoch air ann an 1625 oir chaidh a' chiad agus an dara Iarla a mhurt. An dèidh do Theàrlach I a bhith air a chur gu bàs thòisich an caisteal a' tuiteam às a chèile. Cheannaich teaghlach Stiùbhart eile an caisteal ann an 1977. Chàraich iadsan e agus rinn iad taigh-òsta dheth. Tha seòmar-cadail le trì turaidean aig mulach am baideal Ear agus tha ar a creidsinn gu bheil e tathaichte

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Stiùbhairt

INBHIR NIS: Crothaigh 's Dealgros

Caisteal Stiùbhairt; Stiùbhart; caistealan; Iarlan Mhoireibh; Màire, Ban-rìgh na h-Alba; taighean-òsta; bòcain; taighean tathaichte; togalaichean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

David Whyte Collection, Highland Photographic Archive