Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taisbeanadh aig Ralaidh Feachd nam Balach, An t-Sultain 1911
EXTERNAL ID
PAWA0010483C
DEIT
23 An t-Sultain 1911
LINN
1910an
CRUTHADAIR
David Whyte Studios
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
21518
KEYWORDS
scoutadh
feachd nam balach
Gluaiseacht nan Gillean
buidhnean òigridh
Scout Display at Boy Scout Rally, September 1911

Taisbeanadh aig Ralaidh Feachd nam Balach ann am Pàirce Cruinneachaidh a' Chinn a Tuath, Inbhir Nis, air 23 An t-Sultain 1911, ann an cuideachd Raibeart Baden-Powell.

B' e seo an aon uair a a' rinn Baden-Powell sgrùdadh dìreach air Feachd nam Balach sa Ghàidhealtachd agus chaidh an tachartas a chur a-steach do bheàrn ann am prògram Pàirce Cruinneachaidh a' Chinn a Tuath. Bha còrr agus 600 ball de Feachd nam Balach an làthair, bho Eilginn agus nas fhaide air falbh san ear gu Gallaibh sa Cheann a Tuath, leis an fheadhainn bho thuath a' tighinn air trèana shònraichte.Chruinnich iad uile ann am Pàirce Farralainn agus mhèarrs iad uile thar na h-aibhne gu Pàirce na Colaiste, a' cheàrnaidh anns a bheil Prìomh oifisean Chomhairle na Gàidhealtachd an -diugh. Bha 247 an làthair à Siorrachd Rois, 42 à Cataibh, 108 à Gallaibh, 105 à Inbhir Nàrann agus Eilginn agus 21 à Siorrachd Bhanbh. Bha 117 à Siorrachd Inbhir Nis agus bha mu thrìthead dhiubh sin à Feachd Chinn a' Ghiùthsaich. Thathas den bheachd gur ann à Feachd Baile Inbhir Nis agus Feachd nam Balach ann an Cille Chuimein, Foithir, Cill Targhlain agus A' Mhanchainn a bha an còrr dhiubh.

Tha 'Headquarters Gazette, an iris oifigeil airson Scoutadh aig an àm, a' cuimhneachadh air an tachartas: "The Chief Scout, attended by the Commissioners and Scoutmasters, took up his position in the centre of the rally ground, and the Scouts ... Performed a circular rally by coming in at a slow double in single file, and, as they neared the Chief, saluted by giving their Patrol call and at the same time raising their staves horizontally above their heads. Continuing round the field they ultimately formed a complete circle. Immediately this was completed, the whole of the Troops at once started giving displays, and in the course of an hour the whole programme was gone through. ..."

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taisbeanadh aig Ralaidh Feachd nam Balach, An t-Sultain 1911

1910an

scoutadh; feachd nam balach; Gluaiseacht nan Gillean; buidhnean òigridh

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

David Whyte Collection, Highland Photographic Archive