Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dannsa Gàidhealach
EXTERNAL ID
PAWA0010483G
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1920an
CRUTHADAIR
David Whyte Studio
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
21522
KEYWORDS
Geamachan Gàidhealach
lùth-chleasan
cruinneachaidhean
spòrs
dannsaichean
dannsa
Highland Dancing

Dannsairean Gàidhealach aig na Geamachan aig Pàirc na Coinneimh a Tuath an Inbhir Nis. Tha na dannsairean air àrd-ùrlar sgeadaichte agus tha iad a' dannsa ri ceòl pìoba. Thòisich dannsa Gàidhealach nam farpaisean aig àm ath-nuadhachadh na Gàidhealtachd ri linn Bhioctoria. An toiseach 's e fireannaich a-mhàin a bhiodh a' dannsa ach tràth sna 1900an thòisich na boireannaich sna co-fharpaisean agus an-diugh 's e na boireannaich as motha a th' ann. Bha tùs an dannsa Ghàidhealaich am measg nam feachdan armailteach far am biodh na fir a' dannsa os cionn chlaidheamhan is sgiathan gus buaidh ann an cath a chomharrachadh le sùrd. Bha e cuideachd air a chur gu feum mar dhòigh treanaidh airson sùbailteachd is smior.

Chaidh Comann na Coinneimh a Tuath a chur air bhonn an 1788 gus tachartasan sòisealta leithid dannsaichean, sealgaireachd is co-fharpaisean pìobaireachd a chur air dòigh. Ann an 1822 chuidich an Comann a' chiad turas a bha Geamannan Gàidhealach ann an Inbhir Nis. Ann an 1835 rinneadh fèill spòrs is geamannan ann an Dabhach Phùir agus dà bhliadhna às dèidh sin ghluais iad dhan Longman agus chaidh na geamachan am fosgladh dhan mhòr-shluagh. Ann an 1864 dh'fhosgaileadh a' phàirc aca fhèin, Pàirc na Coinneimh a Tuath ann an Inbhir Nis agus chaidh na geamachan an cumail an sin fad 70 bliadhnaichean. Chaidh an dealbh seo a thogail sna 1920an.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dannsa Gàidhealach

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1920an

Geamachan Gàidhealach; lùth-chleasan; cruinneachaidhean; spòrs; dannsaichean; dannsa

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

David Whyte Collection, Highland Photographic Archive