Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
3s Buidheann-chatha (Saighdearan Glèidte) Camshronaich na Banrigh, 1908
EXTERNAL ID
PAWA56
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1908
LINN
1900an
CRUTHADAIR
David Whyte Studio
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
21531
KEYWORDS
Camshronaich na Banrigh
èideadh saighdearachd
èideadh
cogadh
feachdan
cath
gearastan
saighdearachd
Rathad Telfford
3rd (Special Reserve) Battalion The Queen's Own Cameron Highlanders, 1908

Anns an dealbh seo a chaidh a thogail ann an 1908 ann an Gearastan Rathad Thelford ann an Inbhir Nis, Prìomh Oifisean an 3mh Buidheann-chatha (Mailisidh) de na Camshronaich, chithear saighdearan is oifigearan is NCOs anns an Luchd-obrach Maireannach (Permanent Staff). Aitnichear na saighdearan proifeiseanta bho na h-itean anns na bonaidean aca. Chaidh Gearastan Rathad Thelford a thogail ann an 1856 nuair a chaidh Mailisidh Inbhir Nis ath-ainmeachadh mar an 76th Mailisidh (Coisridh Aotram na Gàidhealtachd). Às dèidh Ath-leasachaidhean an Airm ann an 1908, nuair a rinneadh 3s Buidheann-chatha (Saighdearan Glèidhte) nan Camshronach den Mhailisidh, chaidh a chur còmhla ri Armlann nan Camshronach. Chaidh Gearastan Rathad Thelford a reic an uair sin agus chaidh a chleachdadh mar taigh-fuinidh. Nuair a chaidh an làrach ath-leasachadh anns na 1980an, chaidh clach-ghlaisidh a' bhogha-inntrigidh a shàbhaladh agus a cur suas ann an Gearastan nan Camshronach. Ged a bha èideadh nan Camshronach aig a' bhuidheann-chatha bho 1881 a-mach, le fèileadh tartan Camshronach agus bonaid bhiorach, bhiodh spòran an t-seann 76mh Mailisidh (Coisridh Aotram na Gàidhealtachd) orra. Bha trì babagan dubha air aghaidh de dh'fhalt bàn airson NCO, agus trì babagan geala air aghaidh de dh'fhalt liath airson nan saighdearan cumanta.

(Chaidh am fiosrachadh seo a thoirt seachad le Taigh-tasgaidh Rèisimeideach nan Gàidheal, Dùn Deòrsa)

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

3s Buidheann-chatha (Saighdearan Glèidte) Camshronaich na Banrigh, 1908

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1900an

Camshronaich na Banrigh; èideadh saighdearachd; èideadh; cogadh; feachdan; cath; gearastan; saighdearachd; Rathad Telfford

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

David Whyte Collection, Highland Photographic Archive