- TIOTAL
- Am broinn "Seilearan Chaisteal an Rathaid"
- EXTERNAL ID
- PAWA70F
- ÀITE
- Inbhir Nis
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
- CRUTHADAIR
- David Whyte Studio
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 21539
- KEYWORDS
- Caisteal an Rathaid
William Grigor & Son, uisge-beatha
fìon
malairtichean
albannach
Cafaidh a' Charlton
malairt

'S e seo pàirt de shreath dhealbhan a chaidh a thogail am broinn seilearan Caisteal an Rathaid a bha le William Grigor & Son,. Tha àite teine ann leis an deit 1662 agus dà sheata de litrichean, "DS" agus "ME", agus dà shuaicheantas. 'S iongantach mur eil seo a' comharrachadh pòsadh. Bha na seilearan air an cleachdadh mar stòr far an robhas a' cumail uisge beatha agus fìon. Bha seo agus a' bhùth air Sràid Inglis, Inbhir Nis. Stèidhich William Grigor & Son, Cafaidh a' Charlton cuideachd ann an 1927. Bha Caisteal an Rathaid an toiseach air Rathad a' Chaisteal agus an uair sin air Sràid Hamaltan
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive