Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Na Dathan aig 4mh (Feachd na Dùthcha) Buidheann-catha Camshronaich na Banrigh
EXTERNAL ID
PAWA626
ÀITE
Neo-iomchaidh
CRUTHADAIR
David Whyte Studio
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
21547
KEYWORDS
brataichean
Camshronaich na Bànrigh
rèisimeidean
Cogadh nam Boer
cogadh
arm
The Colours of 4th (Territorial) Battalion The Queen's Own Cameron Highlanders, 1908

Nuair a chaidh Feachd na Dùthcha a stèidheachadh fo Ath-leasachaidhean Airm a' Mhorair Haldane ann an 1908, chaidh a' Chiad Bhuidheann-chatha Shaor-thoileach de na Gàidheil Chamshronach ath-ainmeachadh mar an 4mh Buidheann-catha (Feachd na Dùthcha). Chaidh am Feachd Dùthchail ùr seo a stèidheachadh mar shamhail air Feachd Thall-thairis Bhreatainn (BEF) a chaidh a stèidheachadh leis an Arm Phroifeiseanta airson seirbheis thall thairis. Bha e ceadaichte do bhuidhnean-catha Feachd na Dùthcha, Dathan a bhith aca mar a bh' aig buidhnean-catha an Airm Phroifeiseanta. Anns an dealbh seo, chithear an dealbhadh le Somerset Herald, Neach-sgrùdaidh nan Dathan Rèisimeideach, airson dathan 4mh (Feachd na Dùthcha) Buidheann-catha Camshronaich na Banrigh. Tha an t-urram "Afraga a Deas 1900-1902" orra a chionn 's gun do dhaingnich Buidheann Shaor-thoileach 'K' a' chiad Buidheann-chatha de na Camshronaich ann an Afraga a Deas. Chaidh na Dathan a thoirt don 4mh Buidheann-chatha (Territorial) leis a' Chòrnaileir Urramach, Am Màidsear Seanalair Spencer Ewart CB, agus chaidh an toirt do Phàrtaidh Riochdachaidh bhon Bhuidheann-chatha leis a Mhorachd Rioghail Rìgh Eideard ann am Windsor air 19 Ògmhios 1909. Bha na Dathan seo an uair sin leis a' 4mh/5mh Buidheann-chatha gus an do sgaoil e mar phàirt de dh'ath-leasachadh an Arm na Dùthcha ann an 1967. Tha iad rim faicinn ann an Taigh-tasgaidh Rèisimeideach na Gàidhealtachd ann an Dùn Dèorsa.

(Chaidh am fiosrachadh seo a thoirt seachad le Taigh-tasgaidh Rèisimeideach nan Gàidheal, Dùn Deòrsa)

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Na Dathan aig 4mh (Feachd na Dùthcha) Buidheann-catha Camshronaich na Banrigh

brataichean; Camshronaich na Bànrigh; rèisimeidean; Cogadh nam Boer; cogadh; arm

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

David Whyte Collection, Highland Photographic Archive