Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Rùm-dannsa Taigh-òsta a' Chaledonian
EXTERNAL ID
PAWA13769A
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1930an
CRUTHADAIR
David Whyte Studio
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
21591
KEYWORDS
dannsan
fèisteas
taighean-òsta
rùmannan-dannsa
Caledonian Hotel ballroom

'S e seo an rùm-dannsa ann an Taigh-òsta a' Chaledonian ann an Inbhir Nis. Tha an solas anns an rùm drùiteach, gu sònraichte, le 1,760 solas anns an t-seòmar. Tha deagh chuimhne aig Hamish Mac an Tòisich air, oir b' e am foghlainteach dealanair a b'òige a bh'aig EdmundsonsElectric, is bha e anns an rùm far an robh uidheaman-smachd nan solas aig an dannsa mhòr a chaidh a chumail an oidhche a dh'fhosgail e. Bha Anna Neagle, a' bhana-chleasaiche, air aoigheachd ann.

Tha cuimhne aig Hamish, a bha 16 aig an àm, gun robh ceithir putain faisg air a' phiàna. Bha stiùiriche a' chòmhlain-chiùil gan cleachdadh airson fios a leigeil chun an fheadhainn anns an rùm le na h-uidheaman-smachd gun robh e ag iarraidh air dath nan solas atharrachadh.

Bha Hamish òg aig iomadh dannsa anns an rùm-dhannsa seo, is tha e ag innse dhuinn gun robh an làr sònraichte math airson dannsa air sgàth gun robh e air ceapan rubair. Cha robh duine a' faighinn a-steach gus an do sheall iad gun robh iad air brògan eile a thoirt leotha airson an cur orra, oir bha brògan a bha orra a-muigh toirmisgte air an làr-dhannsa. Chruinnicheadh na boireannaich air an làimh dheis is na fir air an làimh chlì, a' coimhead ri càch a chèile thar an làr-dhannsa.

B' e àite mòr-chòrdte a bh'anns an rùm-dhannsa seo air oidhche Shathairne. Bhiodh an òigridh a' ceannach a' phàipear-naidheachd ionadail, an 'Inverness Courier', gach Dihaoine gus faicinn càite an robh dannsa an oidhche sin. Bha iad seo air taobh a-muigh Inbhir Nis gu math tric, ann an Crothaidh, Aird nan Saor, Dubhras no Foithir, mar eisimpleir. Bha bus an asgaidh a' falbh à Inbhir Nis. A rèir Hamish, bha an dannsa a' tòiseachadh le 'The Lancers' anns a h-uile àite, mar bu trice

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Rùm-dannsa Taigh-òsta a' Chaledonian

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1930an

dannsan; fèisteas; taighean-òsta; rùmannan-dannsa

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

David Whyte Collection, Highland Photographic Archive