Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tiodhlacadh a' Chaiptein Sir Iain Fowler, Bt, 1915
EXTERNAL ID
PAWDW6
ÀITE
Loch Bhraoin
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
DEIT
1915
LINN
1910an
CRUTHADAIR
David Whyte Studio
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
21621
KEYWORDS
An Ridire Iain Fowler
Loch Bhraoin
Taigh Inbhir Bhraoin
An Cogadh Mòr
Neuve Chapelle
Aubers Ridge
trainnsichean
The funeral of Captain Sir John Fowler, Bt, 1915

Anns an dealbh seo, chithear an Caiptean Sir Iain Fowler Bt, fear A' Bhràigh Mhòir. Is e mac Sir Iain Artair Fowler Bt agus ogha Sir Iain Fowler, a' chiad Baronet a bha na phrìomh innleadair air Drochaid Fhoirthe, a bh' ann. Ghabh an Caiptean Sir Iain Fowler, an 3mh Baronet anns na Sìophortaich ann an 1904 agus fhuair e dreuchd mar Oifigear-taice sa 4mh Buidheann-chatha (Feachd na Dùthcha) de na Sìophortaich (Siorrachd Rois) ann an 1913. Chaidh e don Fhraing leis a' 4mh Shìophortaich ann an 1914 agus chaidh a mharbhadh is e a' sabaid aig Richeborg L'Avoué air 28 Giblean 1915. B' e seo an dara call aig an teaghlach ann an dà mhìos oir chaidh a bhràthair a b' òige, an Caiptean Ailean Fowler, a mharbhadh sa chogadh agus e a' sabaid leis an 2ra Buidheann-chatha de na Camshronaich. Chaidh corp Sir Iain Fowler a thoirt air ais don Bhràigh Mhòir agus a thìodhlacadh le Làn Urram an Airm ann am Baile an Lòin.

Chùm a mhàthair, Baintighearna Fowler, deagh chlàran mu a mic agus mu 4mh Buidheann-chatha nan Sìophortach (Feachd na Dùthcha). Tha na leabhraichean brèagha aice a' clàradh seirbheis na buidheann-chatha anns an Fhraing ann an Taigh-tasgaidh Rèisimeideach nan Gàidheal ann an Dùn Deòrsa. Ann an 1921, dh'fhoillsich i 'Records of the Men of Lochbroom 1914-1918' còmhla ris a' Bh-Uas JW Fhriseil à Leac Mhailm. Bha an leabhar seo mar chuimhneachan air na fir às an sgìre a chaidh a mharbhadh anns a' chogadh mhòr.

(Chaidh am fiosrachadh seo a thoirt seachad le Taigh-tasgaidh Rèisimeideach nan Gàidheal, Dùn Deòrsa).

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tiodhlacadh a' Chaiptein Sir Iain Fowler, Bt, 1915

ROS: Loch Bhraoin

1910an

An Ridire Iain Fowler; Loch Bhraoin; Taigh Inbhir Bhraoin; An Cogadh Mòr; Neuve Chapelle; Aubers Ridge; trainnsichean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

David Whyte Collection, Highland Photographic Archive