Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgioba Chamanachd Inbhir Nis le Cupa na Camanachd
EXTERNAL ID
PAW_18362
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
27 An t-Sultain 1952
LINN
1950an
CRUTHADAIR
David Whyte Studio
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
21642
KEYWORDS
camanachd
Cupa na Camanachd
Cupa MhicThàmhais
Inverness Shinty Club with the Camanachd Cup

B' e seasan 1951-52 an seasan a bu shoirbheachaile ann an eachdraidh Sgioba Chamanachd Inbhir Nis. A dh'aindeoin 's gun do chaill iad ris A' Mhoroich anns a' chiad chuairt de Chupa MhicThàmhais, chaidh iad air adhart gus Cupa na Camanachd a bhuannachadh airson a' chiad turas agus, aig àm sgrìobhaidh (2003), an aon turas riamh. Rinn iad a' ghnothaich an aghaidh Caberfeidh, Inbhir Omhaich is Baile Ùr an t-Slèibh air an t-slighe dhan chuairt dheireannach, a chaidh a chluich an aghaidh Celtic an Òbain aig Old Anniesland, Glaschu, air an 12mh den Ghiblean 1952. Chunnaic còrr is10,000 duine Inbhir Nis a' buannachadh 3-2. Chuir Alasdair MacCoinnich a' chiad tadhal mus do chuir An t-Òban dà thadhal. Rinn Uilleam MacGilleBhràth cùisean co-ionnan mus d'fhuair MacCoinnich an dara tadhal aige, a bhuannaich an cupa.

Cùl (on chlì) - T Wade, T Cuimeanach, R Gòrdan, W Gòrdan, W Ceanadach, A MacCoinnich, W MacGilleBhràth, T MacCoinnich (trèanair).
Toiseach (on chlì) - W Mac a' Phearsain (Ceannard), W MacCoinnich, H MacEòghainn, W Dòmhnallach (Caiptean), A Cuimeanach, D MacAnndra, D Ceanadach (Rùnaire)

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgioba Chamanachd Inbhir Nis le Cupa na Camanachd

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1950an

camanachd; Cupa na Camanachd; Cupa MhicThàmhais

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

David Whyte Collection, Highland Photographic Archive