Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Pàillean Shrath Pheofhair (beulaibh)
EXTERNAL ID
PAW_PAV2
ÀITE
Srath Pheofhair
SGÌRE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Fothraitidh
LINN
1950an; 1960an
CRUTHADAIR
David Whyte Studio
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
21656
KEYWORDS
Siorrachd Rois
Ros is Cromba
uisgeachan leigheis
spathan
bailtean spa
leigheasan eadar-dealaichte
pronnasg
rèile
rèilichean
ospadal
ospadail
turasachd
toileachas
togalaichean
ailtireachd
Strathpeffer Pavilion (front)

San dealbh seo chithear prìomh dhoras Pàillean Shrath Pheofhair. Thairis nam bliadhnachan tha am Pàillean air aoigheachd a thoirt do dh'iomadh seòrsa tachartais shòisealta.

Tha Srath Pheofhair 4 mìle (6cil.) an iar air Inbhir Pheofharain ann an srath Abhainn Pheofharain. 'S ann mar thoradh air na fuarain de phronnasgair a chaidh an lorg ann sna 1770an a dh'fhàs e ann am meud is cho mòr aig daoine. Le taic làidir o Bhan-iarla Chrombaidh an uair sin, leasaich am baile beag na àite Bhioctorianach airson tadhal nan uisgeachan. Ann an 1885 nuair a dh'fhosgail meur Shrath Pheofhair de Rèile Inbhir Pheofharain is an Eilein Sgitheanaich bha e na bu tharraingiche buileach. Chaidh iomadh taigh-òsta eireachdail agus aitreabh mòr Bhioctorianach a thogail gus an àireamh de luchd-turais a fhrithealadh nuair a thigeadh iad "a ghabhail nan uisgeachan."

Mar a dh'fhàs Srath Pheofhair mòr aig daoine, 's ann a dh'aithnicheadh gun robh feum air àite-coinneimh ann. Thug Ban-iarla Chrombaidh coimisean do dh' ailtire san sgìre togalach a dhealbhadh air stoidhle a' chasino ann am Baden Baden, a bha e-fhèin stèidhichte air an Festspielhaus ann am Bayreuth. 'S e an togalach a nochd Pàillean eireachdail Bhioctorianach ann an gàrradh tlachdmhor ri taobh Rùm a' Phump gu h-àrd. Chosg am Pàillean beagan a bharrachd air £2,700 air fad agus chaidh fhosgladh le Ban-iarla Chataibh an 10mh Lùnastal 1881.

Aig àm a' Chiad Chogaidh chaidh am Pàillean a chleachdach na ospadal do sheòladairean Ameireaganach. Eadar an dà chogadh sheachd cliù Shrath Pheofhair agus beag air bheag sguir iad a chleachdadh a' Phàillin. Bho chionn beagan ùine chaidh a dhèanamh suas às ùr le Urras Thogalaichean Eachdraidheil Alba agus tha e a-nis air a ruith le Comann Phàillin Shrath Pheofhair na àite do chonsairtean, bainnsean, co-labhairtean is taisbeanaidhean

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Pàillean Shrath Pheofhair (beulaibh)

ROS: Fothraitidh

1950an; 1960an

Siorrachd Rois; Ros is Cromba; uisgeachan leigheis; spathan; bailtean spa; leigheasan eadar-dealaichte; pronnasg; rèile; rèilichean; ospadal; ospadail; turasachd; toileachas; togalaichean; ailtireachd;

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

David Whyte Collection, Highland Photographic Archive