Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Amar-baistidh Naomh Cholm Cille
EXTERNAL ID
PC_ABRIACHAN_NURSERIES_01
ÀITE
Obar Itheachan
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
4 An t-Samhain 2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Cat Davidson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Abriachan Nurseries
AITHNEACHADH MAOINE
21662
KEYWORDS
miotasan
uirsgeulan
St Columba's Font Stone

Ann an gàrradh Planndlann Obar Itheachain, fo gheugan craobhan calltainn, tha toll dìomhar a rinn mac an duine ann an clach-ghràn schist. Chan eil fios aig duine le cinnt carson a tha e an sin no carson a tha e. Tha am mìneachadh as cumanta ga chur às leth Naomh Colm Cille a chaidh seachad an sin san 6mh linn. Tha cuid a' creidsinn gur e bun-stèidh airson crois a th' ann agus tha feadhainn eile de bheachd gun robh an t-uisge a th' ann air a chleachdadh airson ungadh agus glanadh. Tha creideamh ann gu bheil an t-uisge na bhuannachd do bhoireannaich a tha a' breith leanabh agus tha fios cuideachd gu bheil beagan dheth air a chur ri amaran-baistidh leanabain. Gu h-inntinneach, chan eil an toll, nach eil ceangailte ri fuaran sam bith fon talamh agus a tha ann an clach dhìonach, air tiormachadh fhad 's a tha fios.

Tha mìneachaidhean eile, nach eil cho brosnachail, ag ràdh gur e clach stèidh taighe a bh' innte a bh' air a cleachdadh airson taic a thoirt do phòla meadhain a' mhullaich no clach-mhuilne a bha letheach dèante a bh' innte.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Amar-baistidh Naomh Cholm Cille

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

2000an

miotasan; uirsgeulan

Abriachan Nurseries

Ann an gàrradh Planndlann Obar Itheachain, fo gheugan craobhan calltainn, tha toll dìomhar a rinn mac an duine ann an clach-ghràn schist. Chan eil fios aig duine le cinnt carson a tha e an sin no carson a tha e. Tha am mìneachadh as cumanta ga chur às leth Naomh Colm Cille a chaidh seachad an sin san 6mh linn. Tha cuid a' creidsinn gur e bun-stèidh airson crois a th' ann agus tha feadhainn eile de bheachd gun robh an t-uisge a th' ann air a chleachdadh airson ungadh agus glanadh. Tha creideamh ann gu bheil an t-uisge na bhuannachd do bhoireannaich a tha a' breith leanabh agus tha fios cuideachd gu bheil beagan dheth air a chur ri amaran-baistidh leanabain. Gu h-inntinneach, chan eil an toll, nach eil ceangailte ri fuaran sam bith fon talamh agus a tha ann an clach dhìonach, air tiormachadh fhad 's a tha fios.<br /> <br /> Tha mìneachaidhean eile, nach eil cho brosnachail, ag ràdh gur e clach stèidh taighe a bh' innte a bh' air a cleachdadh airson taic a thoirt do phòla meadhain a' mhullaich no clach-mhuilne a bha letheach dèante a bh' innte.