Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stòr CeòlCuimhne - tha Meg Fhriseal a' taghadh "Going Home" le Runrig
EXTERNAL ID
PC_ACG_MMS_01
ÀITE
Neo-iomchaidh
DEIT
2010
LINN
2010an
NEACH-FIOSRACHAIDH
An Comunn Gàidhealach
AITHNEACHADH MAOINE
21663
KEYWORDS
ceòl
òrain
MusicMemory Store - Meg Fraser chooses "Going Home" by Runrig

Rugadh Meg Fhriseal ann an Inbhir Ùige ann an 1970. Cheumnaich i bhon Royal Scottish Academy of Music and Drama ann an 1995 agus tha i air a bhith ag obair air feadh Bhreatainn mar bhana-chleasaiche àrd-ùrlair agus air nochdach corra uair air rèidio, fiolm agus telebhisean. Ann an 2007 bhuannaich i Duais CATS (Critics Awards for Theatre in Scotland) airson a' bhana-chleaaiche a b' fheàrr, agus Duais TMA (Theatre Management Awards) airson a' phàirt thaice a b' fheàrr.

"Is e an t-òran 'Tilleadh Dhachaigh' le Runrig a dh' fheumas mi thaghadh! Nuair a bha mise òg cha robh ri chluinntinn san dachaigh againn ach ceòl Elvis presley, Edith Piaf, Simon Garfunkel, an Hawaiian Beach Party agus an Top 40 air Ràdio feasgar Didòmhnaich, Na mo dheugaire anns na 80an nuair a bheireadh ceòl ort dannsa (no ùidh a bhith agad sa chòmhlan!) is e ceòl Runrig a ghluais m' inntinn is m' fhaireachdainn an toiseach. (Thàinig mi air a' cheòl airson a' chiad uair aig Cuirm Bliadhna Ùire nuair a bha mi còig bliadhna deug a dh'aois). An dèidh dhomh am faicinn còig tursan air àrd-ùrlar, tha e doirbh dhomh aon a thaghadh ach feumaidh mi 'Tilleadh Dhachaigh' ainmeachadh.

Air saor-làithean còmhla ri mo theaghlach an 1986 ann am Menorca, thuit mi an trom-ghaol ri gillefrithealaidh Spàinneach dham b' ainm Minola. Bha e ag obair san taigh-òsta far an robh sinn a' fuireach.

Thàinig mo phàrantan oirnn a' pògadh aig disco san taigh-òsta agus shaoil iad gu robh seo fìor èibhinn. Cha do shaoil mise. Bha mi ann an gaol! Air an rathad dhachaigh a dh'Alba san itealan aig deireadh ar làithean-saora chluich mi an ceòl fad na h-ùine, mo shùilean a' sìor shileadh. B' e seo a' chiad òran riamh a dhùisg faireachdainn annam, faireachdainn goirt dha rìribh! Gaol na h-òige, slàinte Minolo!"

'S e seo aon de na tabhartasan don phròiseact MusicMemory Store a tha ga ruith air thoiseach air a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Gallaibh ann an 2010. Chaidh iarraidh air measgachadh de dhaoine ionadail pìos ciùil traidiseanta no Gàidhlig - a tha a' còrdadh riutha fhèin agus aig a bheil ciall pearsanta dhaibh fhèin - a thaghadh. Thathar ag iarraidh orra an ceòl agus an sgeulachd a cho-roinn leis a' phoball.

Is e amas a' phròiseict luach ceòl traidiseanta is Gàidhlig agus an ceangal le Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010 - a tha gu bhith air a chumail ann an Gallaibh airson a' chiad uair, bhon 8 gu 16 Dàmhair - a thoirt am follais taobh a-staigh na coimhearsnachd.

Tha lethbhreacan de na clàran rim faotainn air iasad bho leabharlannan Inbhir Ùige is Inbhir Theòrsa. Thèid tabhartas ùr fhoillseachadh gach seachdain bho Chèitean gu toiseach a' Mhòid.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stòr CeòlCuimhne - tha Meg Fhriseal a' taghadh "Going Home" le Runrig

2010an

ceòl; òrain

An Comunn Gàidhealach

MusicMemory Store