Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stòr CeòlCuimhne - tha Billy Miller a' taghadh "An Ataireachd Àrd" le Capercaillie
EXTERNAL ID
PC_ACG_MMS_02
ÀITE
Neo-iomchaidh
DEIT
2010
LINN
2010an
NEACH-FIOSRACHAIDH
An Comunn Gàidhealach
AITHNEACHADH MAOINE
21664
KEYWORDS
ceòl
òrain
MusicMemory Store - Billy Miller chooses "An Ataireachd Ard" by Capercaillie

"'S e 'Thursa boygie' a th' annamsa bho Shore Street, Fisherbiggins. Rugadh mi ann an 1956, fhuair mi foghlam sgoile ann an Inbhir Theòrsa is trèanadh ann an Dùnrath mar theigniche innealach. An uair sin chaidh mi a dh'obair gu BP mar Stiùiriche Innealach far-tìre agus an uair sin mar Innleadair Innealach san Ear Mheadhain is san Ear Fhad Às mus do thill mi dhachaigh a dh'obair air Bàta-teasairginn Inbhir Theòrsa mar innealaiche stèisein ann an 1996.

'S ann tro mo bhean Carol a tha ann ceangal Ceilteach agamsa oir 's ann à Ceann Loch Biorbhaidh a bha an teaghlach aice bho thùs. Tha dithis chloinne againn - Donna agus Mìcheal - a tha 28 agus 26 agus a tha cuideachd a' fuireach ann an Inbhir Theòrsa."

"Is e An Ataireachd Àrd air a sheinn le Karen Nic Mhathain a thagh mi airson a' phròiseact innleachdach seo, ach tha an clàr gu lèir a' cuimhneachadh iomadh rud dhomh.

Is e fear dhiubh am prògram TV, 'The Blood is Strong', deasaichte lè Ted Brocklebank, mu na Fuadhdaichean Gàidhealach, a chaidh a chraoladh sna 80an a chuir sealladh àraid air ar n-eachdraidh is cultar. Nam mo bheachd-sa, b' e an ceòl aig Capercaille a bha aig crìdhe a' phrogram agus a chuir dreach shònraichte air. Is e Karen Nic Mhathain a bha na prìomh sheinneadar, mar a thuirt Sean Connery an Highlander "tha làmh Dhè sa ghuth aice"

B' e seo a dhùisg mi gu ceòl Gàidhlig agus a' Ghàidhealtachd. Ged nach bruidhinn mi ar cànan, tha ùidh agam sa cheòl. Bliadhna neo dhà air ais bha mi fhèin is mo bhean Carol air a' chost an ìar aig dachaigh a cuideachd an Cean Loch Biorbhaidh, Uilleam Mac Aoidh Polin agus a bhean nach maireann, Sara. Bha Gàidhlig aca lè chèile mar an ciad cànan. Thug mi leam CD mo mhiann, 'The Blood is Strong' agus chluich mi sin an dùil gun glacadh e an inntinn gu mòr. Ach 's e a thachair gun do thòisich Sara a' seinn gach òran, facal air an fhacal, agus mise an dùil gun tug mi rud neo-àbhaisteach thun na cuirm!

An Ataireachd Àrd, ceòl mo mhiann. Carson? Tha gu bheil e ag innseadh mun mhuir a sheòl mi iomadach uair, timcheall Eileanan Alba agus tìr àlainn na Gàidhealtachd, nam obair còmhla ris an Royal National Lifeboat Service. Choinnich mi ri mòran dhaoine coibhneil agus fhuair mi aoigheachd am Barraigh, an t-Òban, Tobar Mhoire, An Caol, Port Rìgh, Loch an Inbhir, Arcaibh agus Sealtainn.."

'S e seo aon de na tabhartasan don phròiseact MusicMemory Store a tha ga ruith air thoiseach air a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Gallaibh ann an 2010. Chaidh iarraidh air measgachadh de dhaoine ionadail pìos ciùil traidiseanta no Gàidhlig - a tha a' còrdadh riutha fhèin agus aig a bheil ciall pearsanta dhaibh fhèin - a thaghadh. Thathar ag iarraidh orra an ceòl agus an sgeulachd a cho-roinn leis a' phoball.

Is e amas a' phròiseict luach ceòl traidiseanta is Gàidhlig agus an ceangal le Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010 - a tha gu bhith air a chumail ann an Gallaibh airson a' chiad uair, bhon 8 gu 16 Dàmhair - a thoirt am follais taobh a-staigh na coimhearsnachd.

Tha lethbhreacan de na clàran rim faotainn air iasad bho leabharlannan Inbhir Ùige is Inbhir Theòrsa. Thèid tabhartas ùr fhoillseachadh gach seachdain bho Chèitean gu toiseach a' Mhòid.

Dealbh:
Thog an Lochlannach a chaidh a shàbhaladh le Bàta-teasairginn Inbhir Theòrsa an dealbh seo air 27 Lùnastal 2004. Chaidh còraichean na deilbh a thoirt seachad don RNLI is faodar a cleachdadh le cead. Thogadh i sa Chaol Arcach aig na Merry Men of Mey (sruth mara a tha a' dèanamh muir mhòr nuair a tha a' ghaoth an aghaidh an làin).

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stòr CeòlCuimhne - tha Billy Miller a' taghadh "An Ataireachd Àrd" le Capercaillie

2010an

ceòl; òrain

An Comunn Gàidhealach

MusicMemory Store