Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stòr CeòlCuimhne - Tha Seumas Ros a' taghadh seata ruidhlichean le Addie
EXTERNAL ID
PC_ACG_MMS_03
ÀITE
Neo-iomchaidh
DEIT
2010
LINN
2010an
NEACH-FIOSRACHAIDH
An Comunn Gàidhealach
AITHNEACHADH MAOINE
21665
KEYWORDS
ceòl
òrain
MusicMemory Store - James Ross chooses a set of reels by Addie Harper

'S ann à Inbhir Ùige a tha Seumas Ros agus chaidh ionnsachadh le Addie Harper bu shine agus a b' òige. Tha e a' cosnadh cliù mar sgrìobhaiche ciùil a tha air iomall ceòl traidiseanta na h-Alba. Tha e air coimiseanan fhaighinn bho Fhèis Celtic Connections, Fèis Blas, Fèis Rois agus Orcastra Ghallaibh. Tha Seumas a' teagasg piàna traidiseanta ann an Acadamaidh Rìoghail na h-Alba airson Ceòl agus Dràma.

"Thagh mi aon bhon chlàr aig Addie Harper agus Còmhlan-Ciùil Inbhir Ùige, ' A Dachaigh an Gallaibh'. ( Harp Records 2000). Is e moladh-ciùil do Mhathair na Banrigh a bha seo, CD a tha a' leantain gu dlùth ri dualchas Ghallaibh.

Is e seata de cheithir ruidhlean a tha seo air a' chlàr, a' chiad is an dàrna fonn air a chur ri chèile le Addie Harper nach maireann agus an dà ruidhle mu dheireadh le mhac Addie Harper Òg.Tha an seata a' tòiseachadh le ' Ruidhle Barrowburn', aon de na chuir Addie ri chèile a chòrd ri iomadach neach agus an dèidh sin tha ' A' Coiseachd air a' Ghealaich'. Nuair a chaidh a' chiad neach chun na gealaich sgrìobh Addie an ruidhle anns a' bhliadhna 1969. Tha an dà ruidhle sin a-nis mar phàirt de na bhios neach-ciùil traidiseanta a' cluich gu tric agus air a' chlàradh le luchd-ealain.

Sgrìobh Ady Òg 'Ruidhle Stephanie Manola Harper' a' comharrachadh latha-breith a nighinn agus chomharraich Comann Rotary Inbhir Ùige obair Addie Harper fhèin leis an urram Prìomh Neach Inbhir Ùige a dheanamh dheth anns a' bhliadhna 1997.

Bha mise air leth fortanach gun robh mi air m' oideachadh leis an dà Addie agus thug sin buaidh mhòr air a' cheòl agam."

'S e seo aon de na tabhartasan don phròiseact MusicMemory Store a tha ga ruith air thoiseach air a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Gallaibh ann an 2010. Chaidh iarraidh air measgachadh de dhaoine ionadail pìos ciùil traidiseanta no Gàidhlig - a tha a' còrdadh riutha fhèin agus aig a bheil ciall pearsanta dhaibh fhèin - a thaghadh. Thathar ag iarraidh orra an ceòl agus an sgeulachd a cho-roinn leis a' phoball.

Is e amas a' phròiseict luach ceòl traidiseanta is Gàidhlig agus an ceangal le Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010 - a tha gu bhith air a chumail ann an Gallaibh airson a' chiad uair, bhon 8 gu 16 Dàmhair - a thoirt am follais taobh a-staigh na coimhearsnachd.

Tha lethbhreacan de na clàran rim faotainn air iasad bho leabharlannan Inbhir Ùige is Inbhir Theòrsa. Thèid tabhartas ùr fhoillseachadh gach seachdain bho Chèitean gu toiseach a' Mhòid.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stòr CeòlCuimhne - Tha Seumas Ros a' taghadh seata ruidhlichean le Addie

2010an

ceòl; òrain

An Comunn Gàidhealach

MusicMemory Store