Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stòr CeòlCuimhne - Tha Aonghas Mac a' Mhuilleir a' taghadh "Mo Mhàthair
EXTERNAL ID
PC_ACG_MMS_04
ÀITE
Fàrr
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Fàrr
DEIT
2010
LINN
2010an
NEACH-FIOSRACHAIDH
An Comunn Gàidhealach
AITHNEACHADH MAOINE
21666
KEYWORDS
ceòl
òrain
MusicMemory Store - Angus Millar chooses "Mo Mhathair" by Calum Kennedy

Buinidh Aonghas Mac a' Mhuilleir dha Brùra ann an Cataibh agus tha e air a bhith a' teagasg Gàidhlig ann an Àrd-sgoil Fàrr sa Bhlàran Odhar o chionn sia bliadhna. Tha e a' cur a dhealas airson na Gàidhlig còmhla ri a dhealas airson an spòrs Ghàidhlig, iomain, agus tha e ag ionnsachadh a' ghèam dhan òigridh ann am Fàrr. Air an 9mh latha den Dàmhair airson geamannan iomain a' Mhòid, bidh Aonghas os cionn sgioba Bun-sgoiltean Ceann a Tuath Chataibh, sioba Àrd-sgoil Fàrr, agus na iar-choidse air sgioba nas sine Chataibh ... latha trang!

"Nuair a bha mise na b' òige bhithinn a' dol tric do dh'Eilean Leòdhais. Dhrùidh an t-àite gu mòr orm; bha rudeigin anns na daoine, an àrainneachd, an cànan is an cultar a bha cho taitneach dhomh. Tha mòran de luchd-ciùil a' toirt nam chuimhne na làithean sin ach tha aon fhear sònraichte ann agus is e sin Calum Ceanadach. Is e Leòdhasach a bh' ann fhèin. Chan e a-mhàin gun robh guth air leth math aige ach chuireadh e blas is brìgh an òrain tarsainn mar nach cuireadh aon eile. Bidh Phil Cunningham ag aithris mu chuirm-ciùil fhuaimneach an dèidh Fèis Celtic Connections an Glaschu. Thionndaidh Calum suas is thug iad air òran Gàidhlig a sheinn. Thuirt Phil, nuair a sguir Calum a sheinn, nach robh sùil thioram san talla.Dhe na h-òrain aig Calum is e Mo Mhàthair as fheàrr leam a chionn gu bheil am fonn is na facail a' cur tarsainn iomhaighean inntinneach mu phearsa air leth....mo mhàthair. "

'S e seo aon de na tabhartasan don phròiseact MusicMemory Store a tha ga ruith air thoiseach air a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Gallaibh ann an 2010. Chaidh iarraidh air measgachadh de dhaoine ionadail pìos ciùil traidiseanta no Gàidhlig - a tha a' còrdadh riutha fhèin agus aig a bheil ciall pearsanta dhaibh fhèin - a thaghadh. Thathar ag iarraidh orra an ceòl agus an sgeulachd a cho-roinn leis a' phoball.

Is e amas a' phròiseict luach ceòl traidiseanta is Gàidhlig agus an ceangal le Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010 - a tha gu bhith air a chumail ann an Gallaibh airson a' chiad uair, bhon 8 gu 16 Dàmhair - a thoirt am follais taobh a-staigh na coimhearsnachd.

Tha lethbhreacan de na clàran rim faotainn air iasad bho leabharlannan Inbhir Ùige is Inbhir Theòrsa. Thèid tabhartas ùr fhoillseachadh gach seachdain bho Chèitean gu toiseach a' Mhòid.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stòr CeòlCuimhne - Tha Aonghas Mac a' Mhuilleir a' taghadh "Mo Mhàthair

CATAIBH: Fàrr

2010an

ceòl; òrain

An Comunn Gàidhealach

MusicMemory Store