Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stòr CeòlCuimhne - Tha Rab Gibson a' taghadh "Jimmy Mo Mhíle Stór" le K
EXTERNAL ID
PC_ACG_MMS_05
ÀITE
Neo-iomchaidh
DEIT
2010
LINN
2010an
NEACH-FIOSRACHAIDH
An Comunn Gàidhealach
AITHNEACHADH MAOINE
21667
KEYWORDS
ceòl
òrain
MusicMemory Store - Rob Gibson chooses "Jimmy Mo Mhíle Stór" by Kathleen McInnes

Chaidh Rab a thaghadh mar BPA na Gàidhealtachd 's nan Eilean ann an 2003. Tha e na bhall de Chomataidh Còmhdhail, Bun Structair agus Atharrachadh Aimsire na Pàrlamaid a thuilleadh air Comataidh Eaconamaidh, Lùth agus Turasachd. 'S e eachdraiche, neach-ciùil, ùghdar agus neach cur air dòigh fèisean ciùil traidiseanta a th' ann an Rab cuideachd. Tha ùidh aige ann an Albais, Gàidhlig agus na H-Ealain Thraidiseanta mar a tha ann an dì-armachadh niùclasach, taigheadas so-ruigsinneach agus a' sàbhaladh seirbheisean le Ccomhairliche os an cionn san NHS. Rugadh agus fhuair e foghlam ann an Glaschu, agus chaidh e gu Oilthigh agus Colaiste Foghlaim Dhùn Deagh. Mar thidsear Nuadh-eòlas, mar a bh' ann roimhe, chuir e seachad a' chuid mhòr de a bheath proifeiseanta a' teagasg ann an Acadamaidhean Inbhir Ghòrdain agus Alanais mar Phrìomh Thidsear Stiùiridh. Bho leig e dheth a dhreuchd tràth, no 'ath-bheathachadh' tràth mar a b' fheàrr leis a ràdh, tha e air a thrèanadh agus a sgilean eachdraidheil a leasachadh le bhith a' sgrìobhadh an leabhar 'Plaids and Bandanas'. Tha Rab air a bhith na neach-ghnìomha SNP fad-ùine agus bha e na Comhairliche Sgìre ann an Rois agus Chrombaidh roimhe. Chaidh e dhan SNP ann an 1966, bha e na cheann-suidhe FSN bho 1970-1973 agus tha e air a bhith na bhall de Chomhairle Nàiseanta, Roinn-ghnìomha agus Caibineat an SNP.

"Bidh dùil aig mo luchd-eòlais ri òran mòr Gàidhlig mu ghaol agus call, ach tha uimhir a sheinneadearan ann airson taghadh a dheanamh. Seo òran gaoil Eireannach 'Jimmy Mo Mhile Stór', far nach eil neach a' bàsachadh. Chuala mi Dolores Keane a' seinn an òrain an toiseach air a' chlàr sgoinneil aice ' Sail Óg Rua' an 1983. Sheinn i an t-òran aig Fèis Inbhir Nis. Bha iomadach neach an làthair a ghabh uabhas nach d'fhuair i encore!Tha an t-òran mu nighinn a' moladh a leannain. Ach 'Bliadhna air ais dh'fhalbh leannan mo chrìdh airson tìrean cèin/ cha till e tuilleadh/ gus am faic e an saoghal fad is farsainn gu lèir......' ( is dòcha

Air adhart gu grad chun an 20amh Fèis Ciùil Traidiseanta na Gàidhealtachd - Fleadh Ciùil Bhaile Chàil an 2001 san taigh-òsta an National an Inbhir Pheofharain. Chuir Iain Dòmhnallach, Gleann Ùige, Iain MacPhàrlain, Gleann Fhionnan, còmhlan 'lè caraidean' air chois airson prìomh-cluich na h-oidhche.. Thàinig an guth Gàidhlig ùr seo oirnn gun fhiosta - Kathleen NicAonghais - bho Uibhist a Deas. Bha i ann an 'Interrogation of a Highland Lassie' an riochd Kay Nic Mhathain, aon den cheathrar oileanach a leig mu sgaoil Clach Sgàin bho Abbey Westminster aig am na Nollaig 1950. Sheinn i dà òran san dealbh-chluich. Ach cò-dhiù, an oidhche ud an Inbhir Pheofhairean, sheinn i leis a' ghuth shònraichte aice, fuaim ùrail, glan a dh'fhàg oidhche nach dì-chuimhnich mi, cuide ri còmhlan air leth math.

Smaoinich an toileachas nuair a chualas a' chiad chlàr aig Kathleen - Òg-Mhadainn Shamhraidh - san Earrach 2006. Sheinn I 'Jimmy Mo Mhile Stór', air eadar-theangachadh gu Gàidhlig Alba le Seonag Mhonk, a caraid, ceangal àlainn bho. Tha mi an dòchas gun còrd e riut. Tha e prìseil nar dualchas ciùil eadar-cheilteach."

'S e seo aon de na tabhartasan don phròiseact MusicMemory Store a tha ga ruith air thoiseach air a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Gallaibh ann an 2010. Chaidh iarraidh air measgachadh de dhaoine ionadail pìos ciùil traidiseanta no Gàidhlig - a tha a' còrdadh riutha fhèin agus aig a bheil ciall pearsanta dhaibh fhèin - a thaghadh. Thathar ag iarraidh orra an ceòl agus an sgeulachd a cho-roinn leis a' phoball.

Is e amas a' phròiseict luach ceòl traidiseanta is Gàidhlig agus an ceangal le Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010 - a tha gu bhith air a chumail ann an Gallaibh airson a' chiad uair, bhon 8 gu 16 Dàmhair - a thoirt am follais taobh a-staigh na coimhearsnachd.

Tha lethbhreacan de na clàran rim faotainn air iasad bho leabharlannan Inbhir Ùige is Inbhir Theòrsa. Thèid tabhartas ùr fhoillseachadh gach seachdain bho Chèitean gu toiseach a' Mhòid.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stòr CeòlCuimhne - Tha Rab Gibson a' taghadh "Jimmy Mo Mhíle Stór" le K

2010an

ceòl; òrain

An Comunn Gàidhealach

MusicMemory Store