Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stòr CeòlCuimhne - Tha Kimberley NicAoidh a' taghadh "The Piper and the
EXTERNAL ID
PC_ACG_MMS_06
ÀITE
Neo-iomchaidh
DEIT
2010
LINN
2010an
NEACH-FIOSRACHAIDH
An Comunn Gàidhealach
AITHNEACHADH MAOINE
21668
KEYWORDS
ceòl
òrain
MusicMemory Store - Kimberley MacKay chooses "The Piper and the Shrew" by Wolfstone

'S e fìdhlear a rugadh ann an Inbhir Ùige a th' ann an Kimberley NicAoidh, 21. An dèidh ceithir bliadhna a' sgrùdadh a h-ionnsramaid ann an Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd, chaidh i air adhart gus BA ann an ceòl Albannach a chosnadh aig an RSAMD ann an Glaschu. Air a brosnachadh le a h-oidean, Addie Harper, Iain MacPhàrlain agus Pete Clark, tha i a' cluiche ceòl bho air feadh na h-Alba. Tha Kimberley air cluich ann an iomadh àite cliùiteach air feadh an t-saoghail, nam measg sin, Pàrlamaid na h-Alba, Lùchairt Thaigh an Ròid, Caisteal Dhùn Èideann agus Le Mini Palais. A thuilleadh air a bhith a' cluich, tha Kimberley cuideachd a' teagasg daoine òga agus inbhich den h-uile aois agus comas an thro chlasaichean riaghailteach aig Bùth-obrach fìdhle Ghlaschu agus Bùth-obrach Fìdhle Ceann a Tuath Siorrachd Inbhir Àir, agus mar oide pàirt-ùine airson Musicworks. A thuilleadh air a bhith a' teagasg tro bhùthan-obrach tha i cuideachd a' teagasg gu prìobhaideach agus aig fèisean air feadh na h-Alba, Fèis Ghallaibh an tè mu dheireadh. Thai an dràsta a' dèanamh an dàrna ceum ann an lagh aig Oilthigh Srath Chluaidh agus tha i a' leantainn a' cluich agus a' teagasg.

"Chuala mi an còmhlan Wolfstone an toiseach nuair a bha mi an Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd sa Phloc. Chòrd na clàir a chuir iad a-mach an toiseach ri na h-oileanaich. Bha mise air leth fortanach gun d'fhuair mi m' oideachadh leam fhìn cuide ri fidhleir Wolfstone, Donnchadh Siosalach. Dh'ionnsaich e am fonn The Piper and the Shrew" dhomh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stòr CeòlCuimhne - Tha Kimberley NicAoidh a' taghadh "The Piper and the

2010an

ceòl; òrain

An Comunn Gàidhealach

MusicMemory Store

'S e fìdhlear a rugadh ann an Inbhir Ùige a th' ann an Kimberley NicAoidh, 21. An dèidh ceithir bliadhna a' sgrùdadh a h-ionnsramaid ann an Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd, chaidh i air adhart gus BA ann an ceòl Albannach a chosnadh aig an RSAMD ann an Glaschu. Air a brosnachadh le a h-oidean, Addie Harper, Iain MacPhàrlain agus Pete Clark, tha i a' cluiche ceòl bho air feadh na h-Alba. Tha Kimberley air cluich ann an iomadh àite cliùiteach air feadh an t-saoghail, nam measg sin, Pàrlamaid na h-Alba, Lùchairt Thaigh an Ròid, Caisteal Dhùn Èideann agus Le Mini Palais. A thuilleadh air a bhith a' cluich, tha Kimberley cuideachd a' teagasg daoine òga agus inbhich den h-uile aois agus comas an thro chlasaichean riaghailteach aig Bùth-obrach fìdhle Ghlaschu agus Bùth-obrach Fìdhle Ceann a Tuath Siorrachd Inbhir Àir, agus mar oide pàirt-ùine airson Musicworks. A thuilleadh air a bhith a' teagasg tro bhùthan-obrach tha i cuideachd a' teagasg gu prìobhaideach agus aig fèisean air feadh na h-Alba, Fèis Ghallaibh an tè mu dheireadh. Thai an dràsta a' dèanamh an dàrna ceum ann an lagh aig Oilthigh Srath Chluaidh agus tha i a' leantainn a' cluich agus a' teagasg.<br /> <br /> "Chuala mi an còmhlan Wolfstone an toiseach nuair a bha mi an Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd sa Phloc. Chòrd na clàir a chuir iad a-mach an toiseach ri na h-oileanaich. Bha mise air leth fortanach gun d'fhuair mi m' oideachadh leam fhìn cuide ri fidhleir Wolfstone, Donnchadh Siosalach. Dh'ionnsaich e am fonn The Piper and the Shrew" dhomh.