Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stòr CeòlCuimhne - Tha Philip Todd a' taghadh "An Eala Bhán" le Éamonn
EXTERNAL ID
PC_ACG_MMS_07
ÀITE
Neo-iomchaidh
DEIT
2010
LINN
2010an
NEACH-FIOSRACHAIDH
An Comunn Gàidhealach
AITHNEACHADH MAOINE
21669
KEYWORDS
ceòl
òrain
MusicMemory Store - Philip Todd chooses "An Eala Bhán" by Éamonn Doorley, Muireann Nic Amhlaoibh, Julie Fowlis & Ross Martin

Tha Philp Todd ag ionnsachadh mu film agus telebhisean aig an RSAMD ann an Glaschu. Tha iomadh ùidh agus dealas aige ach 's e a tha san amharc aige aig a cheann thall a bhith na stiùiriche film, filmichean matha a dhèanamh agus 's dòcha an saoghal atharrachadh... fiù 's rud beag. Is fìor thoigh leis a bhith a' seinn agus bho dh'ionnsaiche a chiad òran Gàidhlig ann an 2007 tha e aoir còrdadh ris a bhith a' seinn agus a' gabhail pàirt ann an co-fharpaisean gu riaghailteach. Bhuannaich e am Crochadan Airgid ann an 2009 agus thòisich e ag ionnsachadh an cànan a bhruidhinn. Aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an 2008 buannaich e co-fharpais san t-seann nòs leis an òran An Eala Bhàn.

Dual [CD] (Machair Records; Foillsichte An Dàmhair 2008 - Co-rannsachadh air ceòl traidiseanta na h-Èireann agus Alba le Éamon Doorley, Muireann Nic Amhlaoibh, Julie Fowlis agus Ros Màrtainn.

Chaidh an t-òran seo, air a bheil meas aig seinneadairean nan aonar agus còisirean, a sgrìobhadh fhad 's a bha e a sabaid san Fhraing sa Chogadh Mhòr, leis a' bhàrd ainmeil à Uibhist a Tuath, Dòmhnall Dòmhnallach, (1887-1967) ris an canar Dòmhnall Ruadh Chorùna. Bha e ainmeil mar bhàrd cogaidh sa Ghàidhlig.

"Is toigh leam sgeulachd fhaicsinneach. Is toigh leam an taigh-dealbh. Is toigh leam 'An Eala Bhàn' oir is e òran dealbhach a tha ann.Tha ìomhaighean gu math cumhachdach annta fhèin ach tha fiolm a' cur ìomhaighean an aghaidh a chèile airson faireachdainnean agus smuaintean ùra a chruthachadh. Tha an t-òran 'An Eala Bhàn' brìoghmhor, gluasadach agus dealbhach. Tha am bàrd a' sgrìobhadh mu bheanntan àrda, ceòthach, mu ghlìnn, lochan agus an eala bhàn. Tha sin gu tur eadar-dhealaichte ri fuaim a' ghunna mhòir, ri toit agus na trainnsichean. Tha boireannach ann an leabaidh chùbhraidh bhlàth a' dùsgadh toilichte, slàn... gu math eadar-dhealaichte ri fear briste na bhodhaig, a' call a mhisneachd nach fhaigh e às is nach buannaich e.The e air a lìonadh cho mòr le fadachd gu bheil fhalt a bha uaireiginn meirgeach ruadh cha mhòr geal.

Nuair a chluinneas mi an t-òran seo neo a sheinneas mi e tha mi a' tuigsinn na faireachaidhean a tha a' tighinn tarsainn dìreach mar a dh'fhairich Dòmhnall Ruadh Chorùna iad. Tha mi an sin anns na trainnsichean fuar, reòdhta, tha mi ag amharc dhan ìar agus tha mi a' miannachadh a bhith aig an taigh agus a bhith faisg oirrese. Tha na focail is am fonn a' tighinn gu chèile a' cruthachadh ìomhaighean agus ag ath-bheòthachadh faireachaidhean. Nach e seo mìorbhail ciùil?

An Eala Bhàn - òran a tha drùidhteach le cianalas, òran làn de dh'ìomhaighean tuigseach: sgeul fhaicsinneach."

'S e seo aon de na tabhartasan don phròiseact MusicMemory Store a tha ga ruith air thoiseach air a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Gallaibh ann an 2010. Chaidh iarraidh air measgachadh de dhaoine ionadail pìos ciùil traidiseanta no Gàidhlig - a tha a' còrdadh riutha fhèin agus aig a bheil ciall pearsanta dhaibh fhèin - a thaghadh. Thathar ag iarraidh orra an ceòl agus an sgeulachd a cho-roinn leis a' phoball.

Is e amas a' phròiseict luach ceòl traidiseanta is Gàidhlig agus an ceangal le Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010 - a tha gu bhith air a chumail ann an Gallaibh airson a' chiad uair, bhon 8 gu 16 Dàmhair - a thoirt am follais taobh a-staigh na coimhearsnachd.

Tha lethbhreacan de na clàran rim faotainn air iasad bho leabharlannan Inbhir Ùige is Inbhir Theòrsa. Thèid tabhartas ùr fhoillseachadh gach seachdain bho Chèitean gu toiseach a' Mhòid.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stòr CeòlCuimhne - Tha Philip Todd a' taghadh "An Eala Bhán" le Éamonn

2010an

ceòl; òrain

An Comunn Gàidhealach

MusicMemory Store