Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stòr CeòlCuimhne - Tha Raibeart MacAoidh a' taghadh "Down the River to
EXTERNAL ID
PC_ACG_MMS_09
ÀITE
Neo-iomchaidh
DEIT
2010
LINN
2010an
NEACH-FIOSRACHAIDH
An Comunn Gàidhealach
AITHNEACHADH MAOINE
21671
KEYWORDS
ceòl
òrain
MusicMemory Store - Robert Mackay chooses "Down in the River to Pray"

Tha Raibeart air a bhith an sàs ann an ceòl traidiseanta ann an Gallaibh bho na 1990an. Chaidh a' chuirm-chluich aige 'Knockfin Heights' a chur a-mach le Caithness FM agus thug e misneachd dha Wildcat TMA a bha a' ruith gu 2006. Buinnidh athair, Raibeart Aonghas, a tha fileanta sa Ghàidhlig dha Mealanais, agus tha a mhàthair, Myra à Stemstair. Tha a bhean, Catrìona, air a bhith buadhach ann an bhith a' cumail suas seirbheisean cùram slàinte ann an Gallaibh airson còrr agus 30 bliadhna agus chaidh an dithis chloinne ionnsachadh ann an Inbhir Theòrsa. Thòisich Raibeart na phreantas ann an Dùn Rath agus tha a dhreuchd air a thoirt air feadh an t-saoghail. A-nis aig an taigh, tha e ag ath-fhòcasadh a eòlas 'raon-ola' gu 'lùth seasmhach'.

"Is e an t-òran Sìos Dhan an Abhainn a thagh mi, dreach Gàidhlig air Down in the River to Pray, air a sheinn le Màiri Anna Cheanaideach is na Seòid.
Nuair a bha mise òg, 's e an crònan ìosal aig Jim Reeves, a liopan dìreach mileameatair on mhaidhg, a bhiodh ri chluinntinn aig pàrtaidhean mo phàrantan agus às dèidh sin Distant Drums a' measgachadh le Calum Ceanaideach is Coinneach MacEalair. Cha bhiodh m' athair a' tòiseachadh air Westering Home agus He'll have to go tràth gu leòr airson mo chur a chadal no airson toirt air daoine falbh dhachaigh. Mar a bu shine a bha mi fàs is ann bu mhotha mo ghràin air a leithid seo ach a dh'aindeoin sin bha rudeigin tarraingeach mu na fuinn.

Dà bhliadhna air ais aig Fèill Celtic Connections agus mi fo throm uallach chaidh mi a dh'amharc air seinneadair fado à Portugal anns an robh ùidh air a bhith agam airson greis. Thòisich Mariza le Na Seòid, Màiri Anna Cheanaideach agus còmhlan fhear, a' chuid mhòr dhiubh aig a bheil bonn òir a' Mhòid.

Tha fhios aig na h-uile gur caomh leam Guinness agus innsidh an samhla seo cho cudromach is a tha cultar na Gàidhlig dhòmhsa. An dèidh dhomh gloinne mhòr uisge-beatha Ìleach òl, aig prìs Taigh Opera, bha mi airson a' chiad uair mar Hindu ann an staid karma. "Is e pinnt Guinness a th' annam....." Ach cha robh mi air staid Nirvana a ruigheachd fhathast. Is e a' chiad phuingean bho Na Seòid a sguab air falbh an dorchadas. Mar an cop brèagha buidhe agus am balgam searbh a' dòrtadh sìos nam chom, dh' fhalbh na solais a bha a' sradadh nam cheann agus a-steach dhan talla thòisich dà mhìle paidhir chasan a' bragadaich mar sheann thrèabh a' fàgail caladh. Bha a bhith air mo bhogadh ann an co-sheirm Na Seòid mar phàirt de shuaimhneas òr-bhuidhe opium."

'S e seo aon de na tabhartasan don phròiseact MusicMemory Store a tha ga ruith air thoiseach air a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Gallaibh ann an 2010. Chaidh iarraidh air measgachadh de dhaoine ionadail pìos ciùil traidiseanta no Gàidhlig - a tha a' còrdadh riutha fhèin agus aig a bheil ciall pearsanta dhaibh fhèin - a thaghadh. Thathar ag iarraidh orra an ceòl agus an sgeulachd a cho-roinn leis a' phoball.

Is e amas a' phròiseict luach ceòl traidiseanta is Gàidhlig agus an ceangal le Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010 - a tha gu bhith air a chumail ann an Gallaibh airson a' chiad uair, bhon 8 gu 16 Dàmhair - a thoirt am follais taobh a-staigh na coimhearsnachd.

Tha lethbhreacan de na clàran rim faotainn air iasad bho leabharlannan Inbhir Ùige is Inbhir Theòrsa. Thèid tabhartas ùr fhoillseachadh gach seachdain bho Chèitean gu toiseach a' Mhòid.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stòr CeòlCuimhne - Tha Raibeart MacAoidh a' taghadh "Down the River to

2010an

ceòl; òrain

An Comunn Gàidhealach

MusicMemory Store