Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stòr CeòlCuimhne - Caitlin Nic na Ceàrdaich a' taghadh "Davy Webster's 40t
EXTERNAL ID
PC_ACG_MMS_10
ÀITE
Neo-iomchaidh
DEIT
2010
LINN
2010an
NEACH-FIOSRACHAIDH
An Comunn Gàidhealach
AITHNEACHADH MAOINE
21672
KEYWORDS
ceòl
òrain
MusicMemory Store - Caitlin Sinclair chooses "Davy Webster's 40th"

Tha Caitlin Nic na Ceàrdach sa 4mh bliadhna ann an Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa agus tha i air a bhith a' faighinn leasanan fìdhle bho Ghòrdan Guinne bho bha i 9 bliadhna a dh'aois. Bidh i a' frithealadh fèis Chataibh, Fèis Air An Oir agus Fèis Ghallaibh. Bidh i a' frithealadh agus uaireannan a' cluich aig cèilidhean ann an Talla Shrathaidh. Tha i an pàirt a ghabhail ann an co-fharpais aig a' Mhòd nuair a thig e a Ghallaibh agus 's e seo a' chiad Mòd aice a-riamh. 'S toigh leatha a bhith a' cluich a fidheall agus a giotàr agus tha a bhith a' cluich no ag èisteachd ri ceòl traidiseanta na dhòigh furasta airson fois fhaighinn nuair a tha uallach oirre. Chaidh a brosnachadh gus an fhidheall a chluich nuair a chaidh i gu a ciad fèis ann an Goillspidh nuair a bha i 7, agus thòisich i a' cluiche a' cleachdadh fidheall a sinn-seanair.

"Is e an ruidhle " David Webster's 40th" aon de na ruidhlichean air am bheil mi dèidheil- chan fhàs mi idir sgìth ga chluinntinn no ga chluich. Is e Gordan Mac Dhonnchaidh a sgrìobh e, fear a bha ainmeil airson pìobaireachd. Tha e a' toirt nam chuimhne cluich na fìdhle sa chòmhlan anns a bheil mi an-dràsta. Bheir am fonn seo spionnadh dhan luchd-èisteachd. Bheir e oirre am basan a bhualadh is an casan a bhreabadh an-còmhnaidh nuair a chluichear e. Tha e a' cur spionnadh annamsa cuideachd nam chluicheadair.
Tha an spionnadh seo ag èirigh a chionn gu bheil mi fiosrach gu bheil e a' còrdadh ris an luchd-èisteachd. Tha am fonn a' toirt nam chuimhne a bhith a' cur seachad laithean sona còmhla ri mo dhà charaid a bha gu dlùth dhomh an ceòl - nuair a bhitheamaid a' coiseachd sìos troimh thrannsaichean falamh na sgoile aon uair, a' seinn an fhuinn. Laithean Bòidheach."

'S e seo aon de na tabhartasan don phròiseact MusicMemory Store a tha ga ruith air thoiseach air a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Gallaibh ann an 2010. Chaidh iarraidh air measgachadh de dhaoine ionadail pìos ciùil traidiseanta no Gàidhlig - a tha a' còrdadh riutha fhèin agus aig a bheil ciall pearsanta dhaibh fhèin - a thaghadh. Thathar ag iarraidh orra an ceòl agus an sgeulachd a cho-roinn leis a' phoball.

Is e amas a' phròiseict luach ceòl traidiseanta is Gàidhlig agus an ceangal le Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010 - a tha gu bhith air a chumail ann an Gallaibh airson a' chiad uair, bhon 8 gu 16 Dàmhair - a thoirt am follais taobh a-staigh na coimhearsnachd.

Tha lethbhreacan de na clàran rim faotainn air iasad bho leabharlannan Inbhir Ùige is Inbhir Theòrsa. Thèid tabhartas ùr fhoillseachadh gach seachdain bho Chèitean gu toiseach a' Mhòid.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stòr CeòlCuimhne - Caitlin Nic na Ceàrdaich a' taghadh "Davy Webster's 40t

2010an

ceòl; òrain

An Comunn Gàidhealach

MusicMemory Store