Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stòr CeòlCuimhne - Tha Myrtle NicIllIosa a' taghadh "Thug mi mo làmh don
EXTERNAL ID
PC_ACG_MMS_11
ÀITE
Neo-iomchaidh
DEIT
2010
LINN
2010an
NEACH-FIOSRACHAIDH
An Comunn Gàidhealach
AITHNEACHADH MAOINE
21673
KEYWORDS
ceòl
òrain
MusicMemory Store - Myrtle Gillies chooses "Thug mi mo lamh do'n Eileanac

Rugadh agus thogadh Myrtle NicIllIosa (Nic a' Phearsain mus do phòs i) ann an Siorrachd Shruighlea agus b' ann à Siorrachd Inbhir Àir a bha a pàrantan. Thàinig i a dh'obair a Dhùn Rath mar Eòlaiche-meatailt ann an 1961 agus cha b' fhada gus an do thachair i ris an duine a bha gu bhith aice, Iain MacIllIosa, a bha ag obair air an làrach mar rianadair. Phòs Iain agus Myrtle ann an 1963 agus chuir iad seachad an ùine pòsta ann an Srath Healadail. Gu duilich, bhàsaich Iain gu h-obann ann an 1995 ach lean Myrtle a' gabhail pàirt gnìomhach ann am beatha na coimhearsnachd. Bha i air aon de na buill a stèidhich Còisir Ghàidhlig Mhealbhaich a chaidh a chruthachadh ann an 1975 agus bha i na neach-stiùiridh air a' Chòisir airson 20 bliadhna. Bha i cuideachd na ball gnìomhach de Chomhairle Coimhearsnachd Mhealbhaich agus bha i an dà chuid na Rùnaire agus na Cathraiche. Tha i fhathast na Cathraiche air Comataidh Talla agus Goireasan Healadail. Tha i air a bhith na ball de Chlèir Eaglais na h-Alba ann an Gallaibh airson 17 bliadhna agus tha i air seirbheis a thoirt dhan eaglais ann an iomadh dòigh anns an ùine sin. Ann an 2006 ghluais Myrtle gu dachaigh ùr ann an Inbhir Theòrsa. Ann an 1994, choisinn Myrtle MBE airson seirbheis dhan ghnìomhachas Niùclasach.

"Tha an t-òran "Thug mi mo làmh don Eileanach" le Uisdean MacMhathain gu math dlùth dhomh. Chaidh a chlò-bhualadh anns A' Chòisir-Chiùil, co-chruinneachadh Còisir Ghàidhlig Chalum Chille Ghlaschu, fo stiùir Gilleasbuig MacFhearghais.
Tha e na òran air leth dhòmhsa oir goirid an dèidh dhan duine agam, nach maireann, is mi fhìn tòiseachadh a' suiridhe, dh'iarr e orm an t-òran ionnsachadh gu sheinn dha aig amannan dìomhair. Is e fhèin, Sgitheanach, an t-eileanach. Sheinn mi dha e uair no dhà.
Ach aon uair is gun do phòs sinn, a' togail teaghlaich, a' ruith cruit agus a' cumail air adhart nar n-obair, nuair a bha tìde ann airson òrain a sheinn is ann an Còisir Ghàidhlig Mhealabhaich a bha sin a' gabhail àite. Chaidh an t-eileanach air dìochuimhn.
Thàinig an t-òran air ais thugam nuair a bha mi a' smuaineachadh air òran sònraichte dhomh. An dèidh dhomh a sheinn a-rithist (is bha sin gu math gluasadach) thagh mi e mar òran a bha gu dearbh air leth dhomh."

'S e seo aon de na tabhartasan don phròiseact MusicMemory Store a tha ga ruith air thoiseach air a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Gallaibh ann an 2010. Chaidh iarraidh air measgachadh de dhaoine ionadail pìos ciùil traidiseanta no Gàidhlig - a tha a' còrdadh riutha fhèin agus aig a bheil ciall pearsanta dhaibh fhèin - a thaghadh. Thathar ag iarraidh orra an ceòl agus an sgeulachd a cho-roinn leis a' phoball.

Is e amas a' phròiseict luach ceòl traidiseanta is Gàidhlig agus an ceangal le Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010 - a tha gu bhith air a chumail ann an Gallaibh airson a' chiad uair, bhon 8 gu 16 Dàmhair - a thoirt am follais taobh a-staigh na coimhearsnachd.

Tha lethbhreacan de na clàran rim faotainn air iasad bho leabharlannan Inbhir Ùige is Inbhir Theòrsa. Thèid tabhartas ùr fhoillseachadh gach seachdain bho Chèitean gu toiseach a' Mhòid.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stòr CeòlCuimhne - Tha Myrtle NicIllIosa a' taghadh "Thug mi mo làmh don

2010an

ceòl; òrain

An Comunn Gàidhealach

MusicMemory Store