Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stòr CeòlCuimhne - Danaidh O'Hagan
EXTERNAL ID
PC_ACG_MMS_12
DEIT
2010
LINN
2010an
NEACH-FIOSRACHAIDH
An Comunn Gàidhealach
AITHNEACHADH MAOINE
21674
KEYWORDS
ceòl
òrain
MusicMemory Store - Danny O' Hagan

Rugadh e ann an Glaschu far an robh e ag ionnsachadh an t-sagartachd airson seachd bliadhna mus deach e a dh'ionnsachadh feallsanachd ann am Baile Atha Cliath. Lean Danaidh lorgan Matt McGinn an uair sin agus bha e a' ruith an 'Adventure Playground' anns na Gorbals airson bliadhna no dhà. Tha e air a bhith ann an Gallaibh bho 1973 agus tha e air a bhith an sàs ann am mith-cheòl thar nam bliadhnachan. Tha e a' cluich a' ghiotàr agus a' seinn agus tha e na bhall de Chlapshot, a tha an dòchas an ciad CD a fhoillseachadh agus a' Mhòd san Dàmhair - no goirid as a dhèidh. Cumaibh sùil air a shon.

"Tha e gu math doirbh dhomh aon òran a thaghadh airson a' chriomag bheag seo a-mach às a liuthad òran as aithne dhomh. Ged a bha mi fhèin is mo bhràthair nar seinneadairean bho ar n-òige agus fiosrach air òran nan tallachan-ciùil, 's e a bhith a' cluinntinn Fats Domino a' seinn "Blueberry Hill" a dhrùidh orm gu mòr, airson a' chiad uair, nuair a bha mi aig campa sgoile, anns a' bhliadhna 1956 tha mi a' smaoineachadh. B' e seo, tha mi smaoineachadh, a' chiad rèidio beag a thàinig a-mach agus bha mi dìreach air mo ghluasad gu mòr leis a' cheòl. Nuair a bha mi ag ionnsachadh feallsanachd an Èirinn anns a' bhliadhna 1960, sheinn is chluich aon de na gillean "The Croppie Boy" aig cuirm-chiùil Nollaig. Thuige seo, ged a bha mi eòlach gu leòr air ceòl Èireannach, 's e ceòl nan tallachan a bh' ann ach 's e bha seo ach ceòl traidiseanta, saoghal ùr nach cuala mi riamh roimhe. Tha mi a' smaoineachadh gur ann an 1962, a' coiseachd sìos Sràid Mhontrose an Glaschu, a chunnaic mi sanas mu Ioshua Macrath ( esan a bha ainmeil airson "Messing about on the River"). Bha mi eòlach air an òran agus shaoil mi gun dèanainn rannsachadh. Dh'fhosgail seo saoghal mòr ùr dhomhsa. Bha iad a' seinn òrain air an robh mi eòlach, ghabhainn pàirt agus bha mi ag ionnsachadh giotàr aig an àm, bha mi mar gum biodh aig an taigh. A-rithist, thuig mi gur e òran folk a bha anns an òran bu mhiann le mo mhàthair,"The Dawning of the Day" agus thàinig an t-òran gu bhith na phàirt de na h-òrain a bhithinn a' seinn. Mar thoradh air a sin thàinig an t-òran "Raglan Rd" le Paddy Kavanagh, leis an dearbh fhonn, gu bhith na òran taghte dhomh, Cha chreid mi gu bheil aon eile ann nas fheàrr air a sheinn na Luke Kelly den chòmhlan na Dubliners."

'S e seo aon de na tabhartasan don phròiseact MusicMemory Store a tha ga ruith air thoiseach air a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Gallaibh ann an 2010. Chaidh iarraidh air measgachadh de dhaoine ionadail pìos ciùil traidiseanta no Gàidhlig - a tha a' còrdadh riutha fhèin agus aig a bheil ciall pearsanta dhaibh fhèin - a thaghadh. Thathar ag iarraidh orra an ceòl agus an sgeulachd a cho-roinn leis a' phoball.

Is e amas a' phròiseict luach ceòl traidiseanta is Gàidhlig agus an ceangal le Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010 - a tha gu bhith air a chumail ann an Gallaibh airson a' chiad uair, bhon 8 gu 16 Dàmhair - a thoirt am follais taobh a-staigh na coimhearsnachd.

Tha lethbhreacan de na clàran rim faotainn air iasad bho leabharlannan Inbhir Ùige is Inbhir Theòrsa. Thèid tabhartas ùr fhoillseachadh gach seachdain bho Chèitean gu toiseach a' Mhòid.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stòr CeòlCuimhne - Danaidh O'Hagan

2010an

ceòl; òrain

An Comunn Gàidhealach

MusicMemory Store