Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stòr CeòlCuimhne - Tha Violet Blumfield a' taghadh "The Dark Island"
EXTERNAL ID
PC_ACG_MMS_13
DEIT
2010
LINN
2010an
NEACH-FIOSRACHAIDH
An Comunn Gàidhealach
AITHNEACHADH MAOINE
21675
KEYWORDS
ceòl
òrain
MusicMemory Store - Violet Blumfield chooses "The Dark Island"

Rugadh mi ann an Srathaidh far an robh mi a' fuireach gus a dh'fhàg mi gus a dhol a fhrithealadh na colaiste ann an Goillspidh. Nuair a bha mi deiseil sa cholaiste thill mi a dh'obair a Dhùn Rath agus ged a bha mi a' smaoineachadh an toiseach gum fuirichinn ann airson bliadhna, tha mi an seo a' dlùthachadh air cluaineas! Ach tha mi air gluasad thar na crìche agus tha mi a-nis a' fuireach ann am baile Mheaghradh.

"Tha iomadach òran Gàidhlig is òran traidiseanta a' toirt thugam cuimhneachain, ach tha aon òran sònraichte ann - ' An t- Eilean Dorcha'. Tha dà òran ann fon aon ainm. Aon air a sgrìobhadh le Daibhidh Silver agus fear eile le Stiùbhart Ros. Is e òran Stiùbhart Ros a b' fheàrr leam aig an àm a bhithinn a' gabhail pàirt, a' seinn aig cèilidhean san àite.

Is e amannan math a bha sin, a' còrdadh ri òg is aois. Thigeadh na coimhearsnachdan còmhla ri chèile gu seinn is dannsa. A' gabhail pàirt bhiodh muinntir na coimhearsnachd sa bhitheantas, daoine air leth, daoine math. Chan eil mòran dhan t-seòrsa ri fhaicinn an-diugh. Bhiodh clann na sgoile a' gabhail prìomh phàirt gu toileach aig an àm, a' seinn, ag aithris is a' dèanamh ciùil. Bha iad ag obair gu cruaidh anns na seachdainean ron Mhòd Ionadail a bha a' gabhail àite aig toiseach an Ògmhios.

Is e gnothach mòr a bha sa Mhòd dhuinn. Bhitheamaid a' falbh à Srathaidh tràth sa mhadainn airson tìde thoirt dhuinn faighinn chuige, mar bu trice air oirthìr an Ear Chataibh, a' falbh aig naoi uairean sa mhadainn agus a-muigh gu anmoch.

Is e amannan sona bha ann do dhaoine òga is aosta.

'S e seo aon de na tabhartasan don phròiseact MusicMemory Store a tha ga ruith air thoiseach air a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Gallaibh ann an 2010. Chaidh iarraidh air measgachadh de dhaoine ionadail pìos ciùil traidiseanta no Gàidhlig - a tha a' còrdadh riutha fhèin agus aig a bheil ciall pearsanta dhaibh fhèin - a thaghadh. Thathar ag iarraidh orra an ceòl agus an sgeulachd a cho-roinn leis a' phoball.

Is e amas a' phròiseict luach ceòl traidiseanta is Gàidhlig agus an ceangal le Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010 - a tha gu bhith air a chumail ann an Gallaibh airson a' chiad uair, bhon 8 gu 16 Dàmhair - a thoirt am follais taobh a-staigh na coimhearsnachd.

Tha lethbhreacan de na clàran rim faotainn air iasad bho leabharlannan Inbhir Ùige is Inbhir Theòrsa. Thèid tabhartas ùr fhoillseachadh gach seachdain bho Chèitean gu toiseach a' Mhòid.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stòr CeòlCuimhne - Tha Violet Blumfield a' taghadh "The Dark Island"

2010an

ceòl; òrain

An Comunn Gàidhealach

MusicMemory Store