Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stòr CeòlCuimhne - Tha Marrie Coghill a' taghadh "The Dark Island"
EXTERNAL ID
PC_ACG_MMS_14
DEIT
2010
LINN
2010an
NEACH-FIOSRACHAIDH
An Comunn Gàidhealach
AITHNEACHADH MAOINE
21676
KEYWORDS
ceòl
òrain
MusicMemory Store - Marrie Coghill chooses "The Dark Island"

Is mise Marrie agus b' e Bobaidh Coghill nach maireann an duine agam. Ged a bha inbhe àrd aig Bobaidh ann an saoghal a' chiùil, chan eil tàlant ciùil sam bith agam ach thug mi taic dha tro na bliadhnachan a bha sinn còmhla.

"Bha iomadach seòrsa ciùil na phàirt mhòr de bheatha Bobby. Bha ùidh aige an ceòl Gàidhlig agus bha e fhèin is Elfrida Scott an co-bhonn mar 'Na Norlanders' . Bha Frida dèidheil air na h-òrain Ghàidhlig agus bhiodh i a' gabhail pàirt gu soirbheachail aig A' Mhòd Nàiseanta Rìoghail fad iomadh bliadhna. Bhuannaich i Bonn Òir An Òbain is Latharna. Bhiodh Bobby na bhritheamh air Ceòl a' Bhogsa aig Mòd Ionadail Ghallaibh is Chataibh air uairean agus na fhear- teagaisg aig Fèis A' Bhlàrain Odhair gus an do chaochail e.

Thagh mi 'An t- Eilean Dorcha' oir tha e a' seasamh a-mach nam chuimhne, air a chluich le Colorado Country Band aig Wembley Country Festival 1988. Bha mo mhac Bryan sa chòmhlan aig an àm sin. Bhuannaich Colorado an Fharpais British Country Music Awards naoi tursan. Air uairean bhiodh Bobby a' cluiche còmhla riutha nuair a bhiodh iad aig Fèisean an Switzerland is a' Ghearmailt. Bhiodh iad a' toirt taic do mhòran luchd-ealain Ameireaganach aig Wembley ach fhuair iad cothrom dhaibh fhèin aon uair.

Thòisich Colorado a' seinn is a' cluich, An t- Eilean Dorcha, agus mar a' shìolaidh an ceòl air falbh thàinig Bobby a-steach a' cluich na Piòb Mhòire. Chaidh an sluagh air mhire. Nuair a' chriochnaich iad an t- òran, sheas gach neach a bha an làthair - dà mhìle dheug de luchd-èisdeachd.

Bha mi san èisteachd, làn pròis a' faicinn mo mhac is an duine agam còmhla air an àrd-ùrlar aig Fèis cho cudromach is a bha air a chraoladh air TV. Cha do dhiochuimhnich mi riamh e."

'S e seo aon de na tabhartasan don phròiseact MusicMemory Store a tha ga ruith air thoiseach air a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Gallaibh ann an 2010. Chaidh iarraidh air measgachadh de dhaoine ionadail pìos ciùil traidiseanta no Gàidhlig - a tha a' còrdadh riutha fhèin agus aig a bheil ciall pearsanta dhaibh fhèin - a thaghadh. Thathar ag iarraidh orra an ceòl agus an sgeulachd a cho-roinn leis a' phoball.

Is e amas a' phròiseict luach ceòl traidiseanta is Gàidhlig agus an ceangal le Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010 - a tha gu bhith air a chumail ann an Gallaibh airson a' chiad uair, bhon 8 gu 16 Dàmhair - a thoirt am follais taobh a-staigh na coimhearsnachd.

Tha lethbhreacan de na clàran rim faotainn air iasad bho leabharlannan Inbhir Ùige is Inbhir Theòrsa. Thèid tabhartas ùr fhoillseachadh gach seachdain bho Chèitean gu toiseach a' Mhòid.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stòr CeòlCuimhne - Tha Marrie Coghill a' taghadh "The Dark Island"

2010an

ceòl; òrain

An Comunn Gàidhealach

MusicMemory Store