Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stòr CeòlCuimhne - Tha Mina NicAoidh a' taghadh "Brochan Lom"
EXTERNAL ID
PC_ACG_MMS_15
ÀITE
Neo-iomchaidh
DEIT
2010
LINN
2010an
NEACH-FIOSRACHAIDH
An Comunn Gàidhealach
AITHNEACHADH MAOINE
21677
KEYWORDS
ceòl
òrain
MusicMemory Store - Mina Mackay chooses "Brochan Lom"

Thòisich Mina NicAoidh a' dannsa aig ochd bliadhna a dh'aois agus tha i air a bhith a' teagasg bho 1957. Thòisich i ag obair ann an Dùn Rath agus thòisich i a' teagasg dannsa le bhith a' teagasg clann nam bosaichean. An uair sin fhuair fear de a bosaichean, Mgr Mac a' Ghobhainn, 'The Viewfirth' dhith agus thòisich i a' dèanamh clasaichean an sin. Thai a' toirt a dannsairean a dhannsa ann an dachaighean seann daoine, ann am Misean Sgrabastair, an Lègion, gu cèilidhean Còisir Ghàidhlig Mhealabhaich... airson beagan ainmeachadh.

'S e boireannach glè thrang a th' innte.

Nuair a chaidh faighneachd dhith cia mheud leanabh dhan do dh'ionnsaich i dannsa, tha i a' dèanamh fiamh-ghàire agus ag ràdh, "Feumaidh gu bheil na mìltean ann agus tha uiread dhiubh fhathast a' leigeil fios - dealbhan de phòsaidhean agus naoidhein. Tha e sgoinneil."

"Is toigh leam a bhith a' dannsa ri cèol beò ~ cèol pìob neo cèol guthan Chòisir. Tha cuimhne agam fhathast a chiad òran ris na dhanns mi... 'Brochan Lom'. 'B e Donnchadh Mac a Phearsain a bha a stiùireadh Coisir Ghàidhlig Mhealbhaich aig an àm sin agus rinn e clàradh den chòisir a seinn an òran agus chleachd sinne sin nuair a bhiodh sinn a' cruinneachadh airson clasaichean dannsa. Lean seo mar chleachdadh an dèidh de Mhirtal NicGillIosa, gabhail thairis stiùireadh an coisir bho h-athair. An uairsin, nuair a bha an coisir bho stiùireadh Raimond Bremner agus sheinn esan an srath spè 'U Bhi A Bhi' 's an uairsin lean e air adhart leis an ruidhle "Stad a Mhàiri Bhanarach."

Le cèol beò, chan eil fosgladh air an fhonn idir ~ agus tha sin a' cur na dannsairean a-mach a ceum leis an dannsa sònraichte a tha iad a' dèanamh aig an àm. Bha e an còmhnaidh cuideachail a rèist nuair a chumadh an coisir a cheud pong airson cothrom a thoirt dha na dannsairean a bhi an àirde air an corra-biod.

Bhitheadh na dannsairean an còmhnaidh a faighinn piobrachadh agus àrdachadh sònraichte uair sam bith a bhiodh iad a' dannsa srath spè agus ruidhle ri cèol beò na pìoba neo guthan coisir. Aig amannan, n uair a tha iad an eisimeil cèol clàraichte, chan eil na dannsairean a' faighinn urad de thlachd 's a thig thuca nuair a tha iad a' dannsa ri cèol beò. Agus chòrd e riumsa cuideachd a bhith ag èisteachd agus chòrd e cuideachd ris a luchd-èisteachd. Ma tha na dannsairean agus coisir còmhla, bu chòir dhaibh a bhith ag obair le chèile ~ seinn agus dannsa le chèile. Tha sin an còmhnaidh a còrdadh ris an luchd-èisteachd."

'S e seo aon de na tabhartasan don phròiseact MusicMemory Store a tha ga ruith air thoiseach air a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Gallaibh ann an 2010. Chaidh iarraidh air measgachadh de dhaoine ionadail pìos ciùil traidiseanta no Gàidhlig - a tha a' còrdadh riutha fhèin agus aig a bheil ciall pearsanta dhaibh fhèin - a thaghadh. Thathar ag iarraidh orra an ceòl agus an sgeulachd a cho-roinn leis a' phoball.

Is e amas a' phròiseict luach ceòl traidiseanta is Gàidhlig agus an ceangal le Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010 - a tha gu bhith air a chumail ann an Gallaibh airson a' chiad uair, bhon 8 gu 16 Dàmhair - a thoirt am follais taobh a-staigh na coimhearsnachd.

Tha lethbhreacan de na clàran rim faotainn air iasad bho leabharlannan Inbhir Ùige is Inbhir Theòrsa. Thèid tabhartas ùr fhoillseachadh gach seachdain bho Chèitean gu toiseach a' Mhòid.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stòr CeòlCuimhne - Tha Mina NicAoidh a' taghadh "Brochan Lom"

2010an

ceòl; òrain

An Comunn Gàidhealach

MusicMemory Store