Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stòr CeòlCuimhne - Tha Sìle NicFhionnlaigh a' taghadh "Mairi's Wedding"
EXTERNAL ID
PC_ACG_MMS_16
ÀITE
Neo-iomchaidh
DEIT
2010
LINN
2010an
NEACH-FIOSRACHAIDH
An Comunn Gàidhealach
AITHNEACHADH MAOINE
21678
KEYWORDS
ceòl
òrain
MusicMemory Store - Sheila Finlayson chooses "Mairi's Wedding"

Rugadh agus thogadh Sìle ann an Inbhir Theòrsa, nighean Geoff agus Lyn Leet. Cheumnaich i mar chnàmh-lighiche ann an 1989 agus bha raon-dèiligidh aice ann an Dùn Èideann. Ghluais i gu Sealain Nuadh còmhla ris an dùine aice, Kenny, agus bha i a' fuireach agus ag obair an sin gus an do thill i ann an 2004. Tha Sìle air a bhith titheach air marcachd-thonn bho aois 15 agus tha i air a bhith na Buadhaiche Marcachd-thonn nam Mnà na h-Alba 10 turais eadar 1986 agus 2004. Thai a-nis a' fuireach agus ag obair mar chnàmh-lighiche ann an Inbhir Theòrsa còmhla ri Kenny agus a mac, Connor, a tha 9 bliadhna a dh'aois.

Chan eil fios aig mòran gu e òran Gàidhlig a th'ann am 'Mairi's Wedding'. 'S e aon de na h-òrain as ainmeile à Alba agus bidh a' mhòr-chuid de dhaoine ga sheinn còmhla ris an t-seinneadair aig cèilidhean air feadh an t-saoghail.

"Is ann an Taigh-òsta Bàgh Fàr a chuir mi aithne air ceòl beò Albannach airson a' chiad uair. Bha Nan is Seumas a' frithealadh sa bhàr agus air a' bhogsa bha Anndra Rothach, feadhainn eile a' seinn no air an fhidhill. Bha mise cuide ri caraidean dhomh bho Inbhir Theòrsa; Bridget Jones, Karen Gunn, Sarah Cox agus Babs Wilson. Ma dhìochuimhnich mi duine, gabhadh mo leisgeul, oir tha treis bhon uair sin!

Is e mo cho-là-breith a bh'ann- fichead bliadhna. Chluich iad Pòsadh Màiri ach le na facail- Co-là-breith Sìle. Chòrd seo gu mòr rium. Bha e gu tur mìorbhaileach mar a thàinig an ceòl gu chèile. Beagan cluiche, deoch an uair sin, tuilleadh ciùil. Bha iad a' dol mar seo fad na h-ùine. Bha eadhon boireannach a' cluiche le sligean a' toirt taic dhan fhonn!

Bha an craic fìor mhath, deoch is ceòl gu leòr. Cha dhìochuimhnich mi gu bràth e."

'S e seo aon de na tabhartasan don phròiseact MusicMemory Store a tha ga ruith air thoiseach air a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Gallaibh ann an 2010. Chaidh iarraidh air measgachadh de dhaoine ionadail pìos ciùil traidiseanta no Gàidhlig - a tha a' còrdadh riutha fhèin agus aig a bheil ciall pearsanta dhaibh fhèin - a thaghadh. Thathar ag iarraidh orra an ceòl agus an sgeulachd a cho-roinn leis a' phoball.

Is e amas a' phròiseict luach ceòl traidiseanta is Gàidhlig agus an ceangal le Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010 - a tha gu bhith air a chumail ann an Gallaibh airson a' chiad uair, bhon 8 gu 16 Dàmhair - a thoirt am follais taobh a-staigh na coimhearsnachd.

Tha lethbhreacan de na clàran rim faotainn air iasad bho leabharlannan Inbhir Ùige is Inbhir Theòrsa. Thèid tabhartas ùr fhoillseachadh gach seachdain bho Chèitean gu toiseach a' Mhòid.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stòr CeòlCuimhne - Tha Sìle NicFhionnlaigh a' taghadh "Mairi's Wedding"

2010an

ceòl; òrain

An Comunn Gàidhealach

MusicMemory Store