Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stòr CeòlCuimhne - Tha Margie Nic na Ceàrdaich a' taghadh "The Freedom,
EXTERNAL ID
PC_ACG_MMS_17
ÀITE
Neo-iomchaidh
DEIT
2010
LINN
2010an
NEACH-FIOSRACHAIDH
An Comunn Gàidhealach
AITHNEACHADH MAOINE
21679
KEYWORDS
ceòl
òrain
MusicMemory Store - Margie Sinclair chooses "The Freedom, Come All Ye"

Tha Margie na seinneadair còmhla ris a' chòmhlan mith-cheòl traidiseanta Albannach, MIRK, aon de na còmhlain ionadail san 'folk revival'. Tha guth seinn fìor mhath agus sònraichte aig Margie. Bha an duine aice Iain Mac na Ceàrdaich, cuideachd ann am MIRK, na oide nan teud ann an sgoiltean Ghallaibh airson iomadh bliadhna. Thai a' fuireach faisg air Dùnaid.

"Thagh mi an t-òran, "The Freedom, Come All Ye". Chuala mi an t-òran seo an toiseach sa bhliadhna 1970 aig Fèis Folk Inbhir Theòrsa. Chun an là 'n diugh tha cuimhn' agam air a bhuaidh a thug an seinneadair is an t-òran orm. Chuir e gaoir air an luchd-èisteachd. Is ann aninneamh a thachras a leithid sin, bheir e air d'fhalt seiseamh an cùl do chìnn, is bheir thu an aire gur e a tha seo ach sàr sheinneadair,deagh òran is an t-àm freagarrach. Bha Artair Mac Iain à Glaschu a' seinn cuide ri còmhlan folk, The Laggan, ach 's ann mar sheinneadair air leth math gu seinn san t-seann nòs a fhuair e a chliù. Tha guth làidir aige agus pearsantachd. Seinnidh e òran le dreach lasanta. 'S e Hamish MacEanruig a' sgrìobh an t-òran seo, duine a bha ainmeil mar eòlaiche agus aig an robh fios air eachdraidh is cultar Alba. Chuir Hamish saothair mhòr ann a bhidh a' brosnachadh dualchas bheartach a dhùthcha airson a ghinealach a tha ri teachd. Thug Hamish seachad a thìde, misneachadh is eòlas gu saor-thoileach ge be cò a shireadh i. Tha teachdaireachd an òrain seo cho seasmhach an saoghal an là 'n diugh is a bha e riamh, oir tha e a' toirt a steach mar a tha còir aig mac an duine spèis a thoirt ga chèile mar bhràithrean san t-saoghal mhòr.

Sgrìobhar an t-òran sa chànan Albannach, a' toirt a steach briathran beartach is comh-fhuaim a chànain a tha cho tlachdmhor a bhith ga sheinn .Bhàsaich Hamish MacEanruig sa bhliadhna 2002. Chaidh iarraidh air Artair an t-òran a ghabhail, 'Freedom, Come All Ye', aig seirbhis tiodhlacaidh Hamish ann an Cathair-eaglais An Naoimh Moire, an Dùn Eideann. Chaidh iarraidh air a sheinn do Nelson Mandela cuideachd, a' cur fàilte airsan a Ghlaschu. B'e duine foghainteach a bha an Hamish air gach dòigh san gabhadh tu e, neònaid luachdmhor nàiseanta agus tha mi pròiseil gur e caraid a bh' ann dhomh."

'S e seo aon de na tabhartasan don phròiseact MusicMemory Store a tha ga ruith air thoiseach air a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Gallaibh ann an 2010. Chaidh iarraidh air measgachadh de dhaoine ionadail pìos ciùil traidiseanta no Gàidhlig - a tha a' còrdadh riutha fhèin agus aig a bheil ciall pearsanta dhaibh fhèin - a thaghadh. Thathar ag iarraidh orra an ceòl agus an sgeulachd a cho-roinn leis a' phoball.

Is e amas a' phròiseict luach ceòl traidiseanta is Gàidhlig agus an ceangal le Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010 - a tha gu bhith air a chumail ann an Gallaibh airson a' chiad uair, bhon 8 gu 16 Dàmhair - a thoirt am follais taobh a-staigh na coimhearsnachd.

Tha lethbhreacan de na clàran rim faotainn air iasad bho leabharlannan Inbhir Ùige is Inbhir Theòrsa. Thèid tabhartas ùr fhoillseachadh gach seachdain bho Chèitean gu toiseach a' Mhòid.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stòr CeòlCuimhne - Tha Margie Nic na Ceàrdaich a' taghadh "The Freedom,

2010an

ceòl; òrain

An Comunn Gàidhealach

MusicMemory Store