Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stòr CeòlCuimhne - Tha Mairead Bana-bhiocais Inbhir Theòrsa à Ulbastair a'
EXTERNAL ID
PC_ACG_MMS_18
ÀITE
Neo-iomchaidh
DEIT
2010
LINN
2010an
NEACH-FIOSRACHAIDH
An Comunn Gàidhealach
AITHNEACHADH MAOINE
21680
KEYWORDS
ceòl
òrain
MusicMemory Store - Margaret Viscountess Thurso of Ulbster chooses "Dhe

Rugadh Mairead ann am Meadhan Lodainn ann am baile Ros Linn. Goirid an dèidh seo chaidh a thoirt a dh'Inbhir Ùige agus bha i a' fuireach ann an "Norwood" air iomall a' bhaile, mu choinneamh seann Ospadal Bignold. Bha i a' fuireach an seo gus an deach i air falbh don sgoil ann an Dùn Èideann. Nuair a bha i 18 chaidh i gu Colaiste Trèanadh Corporra Bhedford. Sa bhliadhna mu dheireadh aice an sin thill i air ais a dh'Inbhir Ùige aig àm na Nollaig gus am baile fhaighinn loma-làn de dh'fhireannaich òg eireachdail bho na feachdan air fad. Choinnich i ri a' ciad duine a bh' anns an 'Fleet Air Arm' agus co-cheangailte ris an 'Ark Royal'. Gu mì-fhortanach, chaidh a chall aig muir ann an 1942 anns a' Chuan Innseanach. Rugadh a' chiad leanabh aca, Deirdre, ron sin. An dèidh a' chogaidh, thu mairead Deirdre a-mach gu Afraga a Deas gus coinneachadh ri a seanair 's a seanmhair. Dh'fhuirich i an sin airson bliadhna agus thill i gu baile a bha air atharrachadh.

Choinnich i ri Robin san t-Sultain 1948, thuit iad ann an gaol agus phòs iad. Thàinig Iain, Pàdraig agus Camilla an dèidh sin. Thug i a' chlann chun a' chiad sgoil-àraich ann an Inbhir Theòrsa agus bha i na màthair na b' aosta na 30an, air a cuairteachadh le màthraichean ùra Dhùn Ratha. Tha i a-nis a' fuireach ann an Inbhir Theòrsa an Ear, faisg air ann t-seann chaisteal, le sealladh mìorbhaileach bho àirde den bhaile, am bàgh agus am marcachd-thonn eadar-nàiseanta a tha a' tachairt an sin.

"Tha mo chuimhne a' dol air ais gu òran a chaidh a chlàradh le bràthair Rob, Aonghas, agus a sheinn e an Eton sa bhliadhna 1936. B' e a' chiad òran Gàidhlig riamh a chaidh a sheinn sa sgoil chun an àm sin.

Bhiodh Rob is a chomh-bhràithrean a' tighinn suas à Lunnainn gu samhraidhean fada sona a chur seachad an Dalnawillan am meadhon an Flow Country. Bhiodh iad gu math leisg falbh bho shaorsa na dùthcha agus na h-amannan math a bha aca. Is ann an dèidh aon de na cuairtean sin a rinn Aonghas, am brathair a b' òige bh' aig Rob, suas inntinn Gàidhlig ionnsachadh. Bha an Dotair MacAonghais na mhinistear an Eaglais na h-Alba an Hacraig am meadhon na 30an agus bhiodh e a' gabhail nan seirbhisean an Altnabreac, trì no ceathar a mhìltean air falbh, uair sa mhìos. Dh'aontaich e Aonghas a theagasg. Dh'ionnsaich Aonghas beagan Gàidhlig agus mòran òrain. Thug e feadhainn dhiubh air ais gu Eton is chlàradh iad air na seann chlàir Bakelite. Chaidh an cur air CD bho chionn ghoirid, le Anthony West-Samuel, bhon Recorded Music Society.

Nuair a chuala mi na h-òrain air an seinn airson a' chiad uair chòrd iad gu mòr rium, gu h-àraidh mar a bha Aonghas a' toirt blas is brìgh an òrain am follais. Ach bha aon òran àraidh ann a ghlac m' inntinn, an t-òran "Dh'èirich mi moch madainn Chèitein". B'e an t-adhbhar gun do sgrìobh Aonghas an t-òran mu Dalnawillan agus mu shaorsa is àilleachd an àite le facail mar " An toileachas bhith rùsgadh luachair" agus " A' tilleadh gu saorsa, a' tilleadh gu Alba".

Aig aois a dhà-dheug tha e ràdh tòrr mun ghaol aige airson ceann-a-tuath Alba gun robh e airson an cànan ionnsachadh agus òran Gàidhlig traidiseanta a chur ann an dreach ùr gus fhaireachdainnean fhèin a chur an cèill."

'S e seo aon de na tabhartasan don phròiseact MusicMemory Store a tha ga ruith air thoiseach air a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Gallaibh ann an 2010. Chaidh iarraidh air measgachadh de dhaoine ionadail pìos ciùil traidiseanta no Gàidhlig - a tha a' còrdadh riutha fhèin agus aig a bheil ciall pearsanta dhaibh fhèin - a thaghadh. Thathar ag iarraidh orra an ceòl agus an sgeulachd a cho-roinn leis a' phoball.

Is e amas a' phròiseict luach ceòl traidiseanta is Gàidhlig agus an ceangal le Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010 - a tha gu bhith air a chumail ann an Gallaibh airson a' chiad uair, bhon 8 gu 16 Dàmhair - a thoirt am follais taobh a-staigh na coimhearsnachd.

Tha lethbhreacan de na clàran rim faotainn air iasad bho leabharlannan Inbhir Ùige is Inbhir Theòrsa. Thèid tabhartas ùr fhoillseachadh gach seachdain bho Chèitean gu toiseach a' Mhòid.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stòr CeòlCuimhne - Tha Mairead Bana-bhiocais Inbhir Theòrsa à Ulbastair a'

2010an

ceòl; òrain

An Comunn Gàidhealach

MusicMemory Store