Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stòr CeòlCuimhne - Tha Catrìona Nic a' Ghobhainn a' taghadh "Hearthamme
EXTERNAL ID
PC_ACG_MMS_19
ÀITE
Neo-iomchaidh
DEIT
2010
LINN
2010an
NEACH-FIOSRACHAIDH
An Comunn Gàidhealach
AITHNEACHADH MAOINE
21681
KEYWORDS
ceòl
òrain
MusicMemory Store -  choose "Hearthammer" by Runrig

Rugadh Catrìona mar Catrìona Corsie ann an Dùn Èideann agus ghluais i gu Inbhir Theòrsa nuair a bha i trì mìosan a dh'aois. Bha pàrantan Chatrìona, Andaidh agus Sìleas an sàs anns a' mhith-cheòl ionadail. B' e pìobaire a bh' ann an Andaidh agus bha Sìlis na ball den Chòisir Ghàidhlig gu na 1980an. Tha cuimhne aig Catrìona a bhith ga toirt gu Mòd anns na 1970an agus bha a' Ghàidhlig agus a ceòl daonnan san teaghlach. Bha sinn-seanmhair Chatriona, de Chlann 'Ic Amhlaigh Leòdhais, fileanta sa Ghàidhlig. Tha Catrìona an-dràsta na manaidsear air a' Chroileagan ann an Inbhir Theòrsa, an dèidh tòiseachadh na neach-cuideachaidh pàrant ann an 1997. 'S fhìor thoigh leatha a h-obair agus bidh 27 sa chroileagan ron Ghiblean an ath bhliadhna. Tha Catrìona pòsta aig Cammie agus tha triùir chloinne agus tha aon ogha aice.

"Nuair a dh'èisteas mi ri "Hearthammer" le Runrig bheir e mi air ais an tìm gu àm nuair bha mi singilte as ùr, le dithis chloinne. B' e àm sònraichte toilichte a bh' ann dhomh. Bha mi aig consart Edge of the World air Viewfirth Green sa bhliadhna 1991. Dèanaibh dealbh dhiom nam shuidhe air an Rèidhlean cas mu seach ann an dìnichean a bha air an dath a chall, brògan-mòra àrda, t-shirt uaine agus seacaid leathair dhubh. Bha sinn ag èisteachd còmhlain mar Howlin Gaels, Cheorge agus Z-Rox ach b' e Celtic Rock an ceòl a bu mhiann leam. Bha mi air "Hearthammer" a chluinntinn air an rèidio latha no dhà ron a sin agus an ath-uair air siostam-fuaim na fèise, eadar gach còmhlan. Shuidh mi is dh'èist mi fad na h-ùine, leum mi suas an uair sin agus ruith mi dhachaigh airson mo chlann a bhiadhadh agus am fàgail aig neach-cùram chloinne. Thìll mi dhem chois às dèidh sin gu Viewforth gus còmhlain an fheasgair a chluinntinn.

Air an adhbhar sin tha an t-òran seo air leth tlachdmhor dhomh a' tighinn bho chòmhlan cho ainmeil Celtic Rock agus a' cur cuimhneachain làidir nam inntinn."

'S e seo aon de na tabhartasan don phròiseact MusicMemory Store a tha ga ruith air thoiseach air a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Gallaibh ann an 2010. Chaidh iarraidh air measgachadh de dhaoine ionadail pìos ciùil traidiseanta no Gàidhlig - a tha a' còrdadh riutha fhèin agus aig a bheil ciall pearsanta dhaibh fhèin - a thaghadh. Thathar ag iarraidh orra an ceòl agus an sgeulachd a cho-roinn leis a' phoball.

Is e amas a' phròiseict luach ceòl traidiseanta is Gàidhlig agus an ceangal le Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010 - a tha gu bhith air a chumail ann an Gallaibh airson a' chiad uair, bhon 8 gu 16 Dàmhair - a thoirt am follais taobh a-staigh na coimhearsnachd.

Tha lethbhreacan de na clàran rim faotainn air iasad bho leabharlannan Inbhir Ùige is Inbhir Theòrsa. Thèid tabhartas ùr fhoillseachadh gach seachdain bho Chèitean gu toiseach a' Mhòid.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stòr CeòlCuimhne - Tha Catrìona Nic a' Ghobhainn a' taghadh "Hearthamme

2010an

ceòl; òrain

An Comunn Gàidhealach

MusicMemory Store