Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stòr CeòlCuimhne - Pàdraig MacMhurchaidh
EXTERNAL ID
PC_ACG_MMS_20
ÀITE
Neo-iomchaidh
DEIT
2010
LINN
2010an
NEACH-FIOSRACHAIDH
An Comunn Gàidhealach
AITHNEACHADH MAOINE
21682
KEYWORDS
ceòl
òrain
MusicMemory Store - Peter Murchison

Rugadh e ann an Lacasdail faisg air Steòrnabhagh ann an Eilean Leòdhais far an robh e a' fuireach gus an do dh'fhàg e an eilean a dhèanamh a sheirbheis nàiseanta anns an Làmhachas Each Rìoghail. Thill Pàdraig a Steòrnabhagh airson ùine ghoirid ann an 1955 mus do ghluais e gus dreuchd a ghabhail aig Lipton's ann an Inbhir Ùige agus an uair sin Inbhir Theòrsa. Dh'fuirich e ann an Hacraig agus dh'fhuirich e còmhla ris a' chompanaidh tro dhiofar atharrachadh ainm gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1988. Tha e fhathast a' fuireach ann an Hacraig faisg air 50 bliadhna bho ghluais e an sin.

"Thogadh mise leis a' Ghàidhlig anns na h-Eileanan an Iar. Bha mo mhathair à Leòdhas agus m' athair às an Eilean Sgitheanach. Bha deagh Ghàidhlig aca le chèile. Chan eil e na iongnadh, mar sin, gur ann à Leòdhas a bha an neach-ealain a thagh mi. Thogadh Calum Ceanadach, mar mi fhèin, ann an coimhearsnachd deas air Steòrnabhagh far am robh cèilidh is ceòl is dannsa nam pàirt chudromach de bheatha nan eileanach.

Thar nam bliadhnaichean bhiodh mi fhèin agus mo dheagh charaid nach maireann, John Porter, a' seinn dha na coimhearsnachdan ann an tallachan air feadh Ghallaibh agus Chataibh. Chan eil mòran de dh'òrain Chaluim nach do sheinn mi fhèin aig na cèilidhean sin. Is toigh leam gu mòr: Dark Lochnagar agus Mo Mhàthair.Tha an dà òran sin air an seinn cho dùrachdach is faireachail le Calum. Ged a sheinn moran sheinneadairean eile iad, cha toir aon aca barradh air Calum Ceanadach!

Troimh na seachdadan bha cèilidhean aig Calum a bha ga thoirt mun cuairt na Gàidhealtachd. Thadhail e air iomadh baile agus coimhearsneachd bheag anns a' Cheann a Tuath. Bha e gu bhith sa Royal British Legion ann an Inbhir Theòrsa aon oidhche còmhla ri Tormad MacIlleathain agus Seumas Brogan, ach 's e thachair gun d'fhuair mi fios cabhagach air am fòn - saoil am b' urrainn dhomh òran no dhà a ghabhail chionn 's nach b' urrainn do Chalum a bhith ann! Rinn mi a' chùis air a sin, saoilidh mi! Chuir sinn air chois an "Cèilidh Siubhail" againn fhèin. Ruith sinn air na bailtean beaga air feadh Ghallaibh agus thog sinn mòran airgid dhan "Highland Scanner Appeal"agus am Murray Macleod Pain Relief Fund."

'S e seo aon de na tabhartasan don phròiseact MusicMemory Store a tha ga ruith air thoiseach air a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Gallaibh ann an 2010. Chaidh iarraidh air measgachadh de dhaoine ionadail pìos ciùil traidiseanta no Gàidhlig - a tha a' còrdadh riutha fhèin agus aig a bheil ciall pearsanta dhaibh fhèin - a thaghadh. Thathar ag iarraidh orra an ceòl agus an sgeulachd a cho-roinn leis a' phoball.

Is e amas a' phròiseict luach ceòl traidiseanta is Gàidhlig agus an ceangal le Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010 - a tha gu bhith air a chumail ann an Gallaibh airson a' chiad uair, bhon 8 gu 16 Dàmhair - a thoirt am follais taobh a-staigh na coimhearsnachd.

Tha lethbhreacan de na clàran rim faotainn air iasad bho leabharlannan Inbhir Ùige is Inbhir Theòrsa. Thèid tabhartas ùr fhoillseachadh gach seachdain bho Chèitean gu toiseach a' Mhòid.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stòr CeòlCuimhne - Pàdraig MacMhurchaidh

2010an

ceòl; òrain

An Comunn Gàidhealach

MusicMemory Store