Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cunntas pearsanta air Beatha san Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
PC_ALASTAIR_JACKSON_06
ÀITE
Na Sgianaidean
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Alastair Jackson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Alastair Jackson
AITHNEACHADH MAOINE
21689
KEYWORDS
croitean
croitearachd
bailtean croitearachd
bailtean fàs
tobhtaichean
leanabas
cuimhne
A Personal Account of Life on Skye

Airson cunntas pearsanta air beatha san Eilean Sgitheanach, feuch an leugh sibh an sgeulachd seo le Alasdair Jackson.

'No one would think of not using the land. I have sheep, and my sons come from away to help when help's needed.'

Said her daughter, 'Here everyone has Gaelic. No one would think of cutting peats and speaking English at the same time. They don't go together. Yet Gaelic's going. Children are taught it at school, but at home they'll answer in English. The old culture passed down to us may vanish.'

'Yes', said her mother, and the word was a sigh, 'and the TV has replaced the Ceilidh.'

Tha an tras-sgrìobhadh gu h-àrd air a thogail bho artaigil san National Geographic, 'Isles of the Western Sea' sgrìobht' ann an 1974, agus 's e an luchd-labhairt mo sheanmhair, a' Bh-ph Eirig Dhòmhnallach às na Sgianaidean san Eilean Sgitheanach, agus tè de na h-igheananan aice, chan eil mi cinnteach co 'n tè dhiubh, 's dòcha Peigi, ach cha b' e mo mhàthair a bh' ann co-dhiù! Tha beagan cuimhne agam air daoine Ameireaganach len camarathan gleansach a' nochdadh aig mullach a' phuill-mhòna againn nuair a bha sinn ag obair gan tiùrradh 's dol gan toirt sìos dhan taigh aon latha teth as t-samhradh, agus a' coimhead air ais 's cinnteach gur ann an uair sin a rinn iad an agallamh. Cha robh mise ach còig aig an àm, ach tha mi cinnteach gum biodh mo sheanmhair air deagh bheachd a thoirt dhaibh air cuspair sam bith a dh'fheòraich iad agus 's cinnteach gun do dh'innis i dhaibh gu robh feum againn cumail a' dol leis a' mhòine!

Bha mi shuas san Eilean Sgitheanach air chuairt gu taigh mo phàrantan bho chionn mìos no dhà, nuair a thachair mi air leth-bhreac den iris agus leugh mi an t-artaigil air fad. Bha e a' feuchainn ri sealladh a thoirt seachad air beatha sna h-Eileanan aig an àm sin agus bhuail e orm gu robh e caran faoin, agus nuair a smaoinicheas tu gur ann sna Stàitean Aonaichte a chaidh a chur ri chèile, 's dòcha nach eil sin cho duilich a thuigsinn. Ach, a bharrachd air an ùidh a bh' agam san teaghlach, ghlac na faclan sgrìobhte gu h-àrd mi, agus thòisich mi air meòrachadh an robh an 'seann chultar' san Eilean an-diugh air falbh dha rìreadh.

Gluais air adhart gu luath deich bliadhna on artaigil gu 1984 agus tha mo chuimhne gu math nas cinntiche. Bha mi 15 agus nam dheugaire àbhaisteach san eilean; math air ball-coise agus air còmhlain giotàr, ach fhathast a' cuideachadh mo phàrantan a-muigh aig a' mhòine, a' dol gu seirbheisean feasgair aig Eaglais Shaor an Lòin Mhòir agus a' freagairt mo mhàthair ann am Beurla nuair a bhruidhneadh i rium sa Ghàidhlig! Bha telebhisean air ruighinn dhan eilean mu dheireadh, agus tha fìor sgeulachdan ann mu gheama dheireannach 1966 Cupa an t-Saoghail a chaidh a choimhead ann an aon taigh ann am Port Rìgh le 200 duine. Ged a tha sin fìrinneach no nach eil, gu dearbh cha d' fhuair sinn telebhisean a-steach don taigh againn gu 1978 agus tha mi meadhanach cinnteach nach do thòisich stèiseanan BBC2 agus Grampian a' craoladh don Eilean Sgitheanach gu faisg air an àm sin. Sna làithean sin cha robh eadar-lìon, fònaichean-gluasaid no fiù 's cothrom air coimpiutairean againn, agus chan fhaigheadh sinn Rèidio 1 air FM ach an dèidh 10f agus aig na deireadh sheachdainean. Ma bha sinn airson teipichean no clàran a cheannach, dh'fheumadh sinn an òrdachadh bho bhùth Alasdair 'Bam' ann am Port Rìgh agus tha fìor chuimhn' agam nach do chreid e idir mi gu robh còmhlan den ainm 'The Smiths' ann!

Chaidh sinn a-null o Dhùn Bheagan gu taigh mo sheanmhar anns na Sgianaidean a h-uile feasgar Shathairne rè bhliadhnaichean na sgoile againn, astar a bha mu cheithir mìle, agus bhiodh bhan a' ghrosair a' tadhal à Port Rìgh. Bhiodh mo bhràthair 's mi fhìn a' feitheamh san loidhne air cùl mo sheanmhar fhad 's a cheannaicheadh i a cuid ghrosaireachd, mus caitheadh sinne ar n-airgead-pòca de 10sg air Tofaidh Gàidhealach McCowan - an rud a chuir gràin air iomadh fiaclair Albannach, 's cinnteach! Fhad 's a bhiodh sinn a' cèilidh san taigh, bhiodh mo mhàthair 's mo sheanmhair a' còmhradh sa Ghàidhlig 's iad ag òl tea mu choinneamh teine mònach, dè eile? Glè thric thigeadh cuideigin eile san teaghlach a' cèilidh 's ag òl srùbag tea, air neo tè de na caileagan bhon ath-dhoras. Sa gheamhradh dh'fhaodadh e a bhith gu math stoirmeil sna Sgianaidean, ach, coltach ri iomadh taigh-croite eileanach eile, bha an gàrradh sgiobalta air a chuairteachadh le callaid agus craobhan chaorainn agus bheireadh sin dha fasgadh on ghaoith.

Cha do dh'atharraich baile nan Sgianaidean mòran o na 1930an, nuair a rugadh mo mhàthair ann, gu na 1990an nuair a thòisich ath-thogail 's ùrachadh air na seann taighean agus cuid thogalaichean ùra a' dol suas mar thaighean shaorlaithean. Ach aon atharrachadh, ge ta - sna 1970an, thog bràthair mo mhàthair trì bothagan shaor-laithean. Gu dearbh, mar a tha cuimhn' agamsa air na Sgianaidean, cha robh ann ach ochd taighean a bha nan seasamh slàn, ged a bha grunn thaighean croite ann a bha nan tobhtaichean no a' tuiteam, 's bhiodh sinne a' sreap orra 's gan rannsachadh. B' ann le muinntir an Eilein a bha na taighean gu lèir, mar na dachaighean aca fhèin, no mar dhachaighean samhraidh do na teaghlaichean aca. Bhon àm sin chaidh co-dhiù ceithir eile a thogail, ach chan ann le muinntir an Eilein a tha ach a dhà dhiubh - taigh mo sheanmhar anns a bheil m' antaidh a' fuireach leth den bhliadhna, agus an taigh an ath-dhoras a tha fhathast le nighean an taighe. Chaidh iar-oifis a' phuist sna Sgianaidean a dhùnadh aig àm nan gearraidhean sna 1990an, agus chaidh pìos cudthromach de bheatha an eilein a chall. Bhiodh mo sheanmhair a' coiseachd leth-mhìle sìos an rathad singilte a h-uile Diciadain ach an dèanadh i còmhradh le Bean Sheonaidh a bha air cùl a' chunntair. 'S e truas a th' ann dhomh nach eil còmhradh tuilleadh sa Ghàidhlig ri cluinntinn ann ach nuair a bhios m' Antaidh Peigi aig an taigh 's i a' còmhradh ri Uilleam an ath-dhoras. Nuair a bha mi òg, bha fiù 's an cù 'Roy' a' dèanamh nan rudan a dh'iarradh daoine air dìreach nuair a chleachdadh iad Gàidhlig!

Tha barrachd atharrachaidhean shìos an rathad ann an Cealabost cuideachd. 'S e Bùth Airgid an Eilein Sgitheanaich, a bhios a' reic seudaireachd dèanta le làimh, a tha an-diugh san togalach a bha na bhun-sgoil aig mo mhàthair, agus tha fiù 's an sgoil ann am Borghadail air a phasgadh suas agus a' chlann a' dol air busaichean gu Bun-sgoil Dhùin Bheagain. 'S cinnteach gu bheil e ag innse beagan mu atharrachaidhean sna daoine gu bheil sgoiltean dùthchail a' dùnadh aig an aon àm 's a tha àireamhan luchd-fuirich ag èirigh san Eilean Sgitheanach, an t-eilean aig a bheil am fàs as luaithe a th' ann. Chan urrainn dhomh smaoineachadh ach gu bheil na daoine a' tighinn a-steach don Eilean air chluainteas agus feumaidh gu bheil na daoine le clann a' gluasad do na bailtean as motha mar Phort Rìgh, an t-Àth Leathann agus Dùn Bheagan, far a bheil na h-àireamhan air chlàr sna sgoiltean ag èirigh. Tha duilgheadasan gu bhith ann an còmhnaidh nuair a thig atharrachaidhean air coimhearsnachdan nach eil ach lag agus aig a bheil dòigh-beatha shònraichte, agus tha an t-Eilean Sgitheanach, gu cinnteach ann an sùilean muinntir an àite, air atharrachadh gu mòr, mòr ann an 30 bliadhna. Ach 's dòcha gu bheil sin dìreach a' freagairt mar a tha Breatainn air fad.

Nuair a rinn mi cuairt air an eilean a' mhìos seo-chaidh, bhuail dà rud orm gu glan. Chan e 'local' a th' annam tuilleadh, ach air an làimh eile 's e 'local' a bhios annam a chaoidh! Ma tha mì-rian an sin, leig leam mìneachadh. Chaidh mi a thadhal air na tràighean sgeireach sa Chlaigeann Disathairne ach an togainn cuid dhealbhan-camara agus gun dèanainn cuairt timcheall an rubha gu Bàgh an Loch. Air an rathad thachair mi air cuid luchd eile nam poca-droma, rinn mi smèid gu dà bhalach air bàta nam musgan-caola agus bha a h-uile coltas nach robh annam ach fear eile den luchd-turais, 's tha mi creids' gur e sin a bha daoine a' smaointinn. An ath mhadainn chaidh mi gu Eaglais Shaor Bhatairnis, coitheanal glè bheag ann an togalach glè bheag air a h-uidheamachadh san stoidhle shìmplidh a th' aig Eaglaisean Clèireach a' chost an iar, an eaglais as fheàrr leam air an eilean leis mar a tha i a' coimhead a-mach thar a' Chuan Sgìth. Chaidh fàilte chridheil a chur orm leis an t-seann tidsear saidheans agam bho Àrdsgoil Phort Rìgh, leis a' mhinisteir agus le Willie Sgianaidean, mar nach robh mi idir air a bhith air falbh, agus sa bhad sgaoil faireachdainn srainnsearachd air falbh uam. Tha Iain MacLeòid, na dheagh eachdraidh air creideamh ann an Leòdhas agus sna Hearadh, 'Banner in the West', a' sònrachadh mar nach eil na daoine a thàinig a-steach don Eilean Fhada air tuineachadh a-steach do choimhearsnachd chràbhach an eilein idir, cha mhòr, agus gu mì-fhortanach, 's ann mar sin a tha e san Eilean Sgitheanach cuideachd. Cha mhòr gur ann às an eilean fhèin a bha a h-uile duine a chunnaic mi ann an Bhatairnis sa mhadainn agus a-rithist air an oidhche ann am Port Rìgh, a' neartachadh a' bheachd gur e droch phile ri shlugadh a th' ann an Clèireachas do dhaoine bhon deas. Ach air an làimh eile tha cuid bhuannachdan air tighinn air beatha an eilein leis an àireamh mhòir de dhaoine a tha air tighinn a-steach. Tha an fheachd de dhaoine a tha a' fàgail air lùghdachadh. Tha gnìomhachasan sgìreil air fàs agus air soirbheachadh ùr a thoirt don Eilean. Tha a h-uile coltas gur e taigh ùr no co-dhiù taigh air ùrachadh a tha sa h-uile taigh san àite (tha còir moladh a thoirt do Choimisean nan Croitearan a thòisich seo sna 1970an). Tha na daoine a thug obair dhomh roimhe aig Taigh-bìdh nan Trì Chimneys air deagh cheann-uidhe airson ithe a dhèanamh san Eilean Sgitheanach, leis mar a tha iad a' cur torradh sgìreil gu feum, agus bu toil leam smaoineachaidh gu bheil mi fhìn air pàirt a chluich san ar-a-mach sin, mas bi cho beag 's a bhiodh e.

Chan eil dà dhòigh air - tha an t-Eilean Sgitheanach air atharrachadh. Chan eil e cho traidiseanta no cho Sàbaideach 's a bha e agus diofar mòr ann an coltas sluagh an àite. Chaidh an t-eilean nuadhachadh leis na h-adhartasan cruinn-shaoghalach ann an teicneòlas. Tha sìor fhàs ann an àireamh an luchd-tadhail mar thoradh air cho furasta 's a tha e 'faighinn ann agus cho mòr 's a tha eag-thurasachd air fàs. Tha an comann-sòisealta nas fharsainge air atharrachadh agus tha 's an t-eilean còmhla ris. 'S e deagh àite a th' ann fhathast agus aon uair 's gun lorg thu tè de na cùiltean diamhair aige, bidh thu airson fuireach ann.

Agus dhìochuimhnich mi fiù 's facal a ràdh air an drochaid....!

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cunntas pearsanta air Beatha san Eilean Sgitheanach

2000an

croitean; croitearachd; bailtean croitearachd; bailtean fàs; tobhtaichean; leanabas; cuimhne