Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Fèidh ann am Meadhan na Gàidhealtachd
EXTERNAL ID
GB1796_SINCLAIR_REDDEER
LINN
1980an; 1990an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
2169
KEYWORDS
dàmhair nam fiadh
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha a' chuid as motha dhe na fèidh ann am Breatainn rim faighinn air monaidhean fosgailte air Gàidhealtachd agus Eileanan na h-Alba. Ged a chaidh iad à bith air Ghalltachd aig deiredh an 18mh linn, chaidh an àireamhan am meud air A' Ghàidhealtachd leis na leasachaidhean ann an sealg nam fiadh airson spòrs. Tha a' chuid as motha dhe na fèidh air monaidhean fosgailte fad na bliadhna ged a bhios iad ann am buidhnean nas lugha na an fheadhainn a tha a' fuireach ann an coilltean. Airson pàirt mhòr dhen bhliadhna , bidh buidhneann fireann agus boireann a' fuireach air leth, agus bidh iad ag ithe feur, luachair, agus anns a' gheamhradh fraoch agus corra-mhitheag.

Tha dàmhair nam fiadh a' tachairt bho dheireadh an t-Sultain chun an t-Samhain. Bidh na daimh a' dìon buidhnean de dh'eilidean gus nach fhaigh daimh eile thuca. Aig àm an dàmhair, bidh na daimh a' dol an sàs ann am farpaisean èigheach. Dh'fhaodadh seo leudachadh gu a bhith a' sabaid len cabair agus chan e rud aineamh a tha ann na fèidh a bhith air an goirteachadh.

Anns an earrann èisteachd ghoirid seo, cluinnear na fèidh ag èigheach agus a' bùirich aig àm an dàmhair ann an sgìre Meadhan na Gàidhealtachd.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Fèidh ann am Meadhan na Gàidhealtachd

1980an; 1990an

dàmhair nam fiadh; claistinneach

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

Bill Sinclair Audio: Deer

Tha a' chuid as motha dhe na fèidh ann am Breatainn rim faighinn air monaidhean fosgailte air Gàidhealtachd agus Eileanan na h-Alba. Ged a chaidh iad à bith air Ghalltachd aig deiredh an 18mh linn, chaidh an àireamhan am meud air A' Ghàidhealtachd leis na leasachaidhean ann an sealg nam fiadh airson spòrs. Tha a' chuid as motha dhe na fèidh air monaidhean fosgailte fad na bliadhna ged a bhios iad ann am buidhnean nas lugha na an fheadhainn a tha a' fuireach ann an coilltean. Airson pàirt mhòr dhen bhliadhna , bidh buidhneann fireann agus boireann a' fuireach air leth, agus bidh iad ag ithe feur, luachair, agus anns a' gheamhradh fraoch agus corra-mhitheag.<br /> <br /> Tha dàmhair nam fiadh a' tachairt bho dheireadh an t-Sultain chun an t-Samhain. Bidh na daimh a' dìon buidhnean de dh'eilidean gus nach fhaigh daimh eile thuca. Aig àm an dàmhair, bidh na daimh a' dol an sàs ann am farpaisean èigheach. Dh'fhaodadh seo leudachadh gu a bhith a' sabaid len cabair agus chan e rud aineamh a tha ann na fèidh a bhith air an goirteachadh. <br /> <br /> Anns an earrann èisteachd ghoirid seo, cluinnear na fèidh ag èigheach agus a' bùirich aig àm an dàmhair ann an sgìre Meadhan na Gàidhealtachd.